Plana an sgudail mhara

  • 19 An Lùnasdal 2014
Sgudal sa mhuir Image copyright Getty Images
Image caption Tha mu 80% de sgudal sa mhuir air a thilgeil air falbh air tìr.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba planaichean gus dèilgeadh ri sgudal na mara.

Tha sgudal leithid plastaig, lìn iasgaich agus stuth eile a th' air a chaitheamh air falbh a' cosg £17m dhan dùthaich gach bliadhna.

Tha na tha de sgudal mu thimcheall chostaichean na dùthcha air dùblachadh thar an fhichead bliadhna a dh'fhalbh, a rèir Co-chomann Glèidhteachais na Mara.

Uile gu lèir tha mu 1,700 pìos sgudail anns gach cilomeatair de chosta.

Am measg nam botail ghlainne, bocsaichean polystyrene, agus stuth iasgaich, 's e plastaig a tha a' dèanamh a' chron as miosa, agus e na chunnart do bheathaichean mara.

Tha mu 80% de sgudal anns a' mhuir air a thilgeil air falbh air tìr, agus a' toirt droch bhuaidh air an àrainneachd agus turasachd.

Bidh am plana ùr ag amas air stad a chur air daoine bho a bhith a' tilgeil sgudail.

Thèid pròiseactan cuideachd a chur air chois gus tràighean a ghlanadh agus obrachadh le iasgairean gus sgudal a chruinneachadh aig muir.