Cead ga dhiùltadh do thuath-gaoithe

  • 19 An Lùnasdal 2014
Crainn-gaoithe
Image caption Bha RWE Innogy UK airson 20 crann a thogail ann an Gleann Coileachaigh.

Chuir buill de Chomhairle na Gàidhealtachd gu h-aona-ghuthach an aghaidh phlana gus tuath-gaoithe a thogail faisg air Tom Aitinn.

'S e a' chompanaidh RWE Innogy UK a chuir an t-iarrtas air adhart 'son leasachadh le 20 crann ann an Gleann Coileachaigh.

'S ann ri taobh tuath-gaoithe eile le 40 crann a tha an làrach.

Bha oifigearan-dealbhachaidh na Comhairle air moladh cead a thoirt dhan phròiseact.

Thuirt comhairlichean air Comataidh-Dealbhachaidh a' Chinn a Deas ge-tà, gum biodh buaidh ro mhòr air seallaidhean mun cuairt air an t-Sloc, Loch Athaisidh agus Slighe a' Ghlinne Mhòir.

Bha luchd-iomairt air cur an aghaidh nam planaichean is iad ag ràdh gu bheil crainn-ghaoithe gu leòr san sgìre mar thà, agus nach tigeadh mòran de bhuannachd dhan choimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile