Taigh-dhealbh Chinn Loch gus dùnadh

  • 19 An Lùnasdal 2014
Taigh-dhealbh Chinn Loch Chille Chiarain Image copyright PAUL FARMER / GEOGRAPH
Image caption Dh'fhosgail an taigh-dhealbh ann an 1913.

Dùnaidh Taigh-dealbh Chinn Loch Chille Chiarain aig deireadh na mìos is seachdnar gus an cosnadh a chall, ged a tha dòchas ann gum fosgail e às ùr.

Dh'fhosgail an taigh-dhealbh art deco, aig a bheil inbhe dìon A, ann an 1913 agus tha e am measg nan taighean-dealbh as sinne san Roinn Eòrpa.

Thuirt a' chompanaidh coimhearsnachd a tha a' stiùireadh a' ghoireis gun robh fear de na seusanan as fheàrr aca a-riamh am-bliadhna, ach gu bheil feum air leasachadh mòr gus an taigh-dealbh a thoirt gu ìre.

Tha iad ag ràdh gu bheil timcheall air £3m a dhìth orra gus an obair sin a dhèanamh.

'S e am plana a th' aca a-nise an t-airgead a tha sin a thogail agus an taigh-dealbh fhosgladh às ùr ann an 2016.

Dòchas

"S e là glè dhuilich a tha seo dhuinn ach tha sinn an dòchas gun còrd na planaichean a th' againn ris a' choimhearsnachd," thuirt Jane Mayo bhon chompanaidh choimhearsnachd.

"Tha buidheann de dh'eòlaichean air a bhith ag obair air seo is tha iad air plana air leth a chur ri chèile. Ged a tha sinn tùrsach an-dràsta tha coltas gu math gealtannach air gnothaichean san àm ri teachd," thuirt i.

Fo na planaichean, bhiodh an dàrna sgrìon ann agus cafe is foyer ùr.

"Chan eil mòran againn an seo is tha sinn cho fada bho thaigh-dhealbh eile - bidh e dìreach sònraichte taigh-dhealbh le gòireasan ùra a bhith againn. Tha sinn cinnteach gun cuir a' choimhearsnachd taic rinn agus gun toir e daoine a-steach dhan bhaile," thuirt Jane Mayo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile