Seann cheannardan Iomairt na h-Alba a' toirt am beachd

  • 19 An Lùnasdal 2014
Airgead Image copyright Getty Images
Image caption Thèid tuilleadh deasbaid a dhèanamh air an airgead a chleachdadh Alba neo-eisimeileach, le dithis a b' àbhaist a bhith nan ceannardan air Iomairt na h-Alba a' cur an cuid argamaidean air adhart.

Thèid tuilleadh deasbaid a dhèanamh Dimàirt air an airgead a chleachdadh Alba neo-eisimeileach, le dithis a b' àbhaist a bhith nan ceannardan air Iomairt na h-Alba a' cur an cuid argamaidean air adhart.

Canaidh Crawford Beveridge, a bhios a' comhairleachadh Riaghaltas na h-Alba mu ghnothaichean ionmhais, gum biodh e nas fheàrr dhan chòrr den Rìoghachd Aonaichte nan cumadh Alba an Not.

Ach, a' bruidhinn aig tachartas Nas Fheàrr Còmhla, canaidh Jack Perry nach obraicheadh an leithid de dh'aonta.

Mì-fhreagarrach

Bha Jack Perry na Àrd-Oifigear aig Iomairt na h-Alba gu 2009.

Tha e gu bhith a' bruidhinn air panail de eòlaichean aig tachartas a chaidh a chur air chois leis an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, a' deasbad ceist an airgid ann an Alba neo-eisimeileach.

Tha Mgr Perry a' creidsinn nach obraicheadh aonadh-airgid leis a' chòrr den RA, leis gu bheil esan den bheachd gun gluaiseadh eaconamaidh na h-Alba air falbh bho eaconamaidh a' chòrr den RA às dèidh neo-eisimeileachd.

Mar sin, tha e den bheachd nach biodh aonadh-airgid freagarrach.

Tha Mgr Perry cuideachd am measg an fheadhainn a tha ag iarraidh Plana B a chluinntinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Soilleir

Tha an Riaghaltas Albannach air a bhith gu math soilleir gu bheil iadsan airson cumail orra a' cleachdadh an Not, beachd a tha stèidhichte air a' chomhairle a fhuair iad bhon choimisean ionmhais aca.

Tha Crawford Beveridge, a bha os cionn Iomairt na h-Alba anns na 90an, os cionn a' choimisein sin.

Ann an òraid Dimàirt, tha dùil gun can esan gu bheilear fhathast den bheachd gur e aonadh-airgid an roghainn as fheàrr do dh'Alba agus don chòrr den RA, leis gum biodh gnothaichean leithid malairt na b' fhasa, agus nach biodh cosgaisean a bharrachd ann a thaobh a bhith a' stèidheachadh airgid eadar-dhealaichte.

Aonta Foirmeil

Tha Riaghaltas na h-Alba airson aonta a stèidheachadh eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte, a leigeadh leotha an Not a chumail air bun-stèidh fhoirmeil.

Ach, tha ministearan bho Riaghaltas Westminster - Seòras Osborne, Danny Alexander agus Alistair Darling nam measg - air a ràdh nach tachair sin idir, 's iadsan daingeann den bheachd nach fhaod Alba an Not a chumail agus nach tèid aonadh-airgid a stèidheachadh gu h-oifigeil.

Tha iadsan uile a' cur ìmpidh air a' Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond, Plana B a bhith aige, agus gum foillsich e dè an seòrsa Plana B a bhiodh an sin.

Tha Mgr Salmond gu math diombach sin a dhèanamh ge-tà, 's e ag ràdh nach dèanadh e feum sam bith do na còmhraidhean às dèidh na bhòt ma 's e agus gun innis e dè na planaichean a th' aige an-dràsta.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile