FAI ann an Inbhir Ùige

  • 18 An Lùnasdal 2014
Poilis
Image caption Chaidh Elaine Dunn a mharbhadh san tubaist air an A99 ann an Gallaibh ann an 2011.

Tòisichidh Rannsachadh Thubaist Bhàsmhor ann an Inbhir Ùige Diluain air mar a chaill boireannach à Sasainn a beatha air a' Ghàidhealtachd bho chionn trì bliadhna.

Chaochail Elaine Dunne, 30, nuair a chaidh a leagal le càr air rathad an A99 air an 21mh den t-Sultain 2011.

Bha i fhèin agus an duine aice, Christopher Dunne, à Glenfield faisg air Leicester, air cuairt bhaidhsagalachd air a' Ghàidhealtachd nuair a thachair an tubaist.

Bha iad air stad ri taobh an rathaid, deas air Taigh Iain Ghròt, gus aodach ùr a chur orra nuair a bhuail càr annta.

Dràibheadh

B' i Alice Ross, a tha 95, a bha a' dràibheadh.

Chaidh Elaine Dunne a mharbhadh is chaidh Christopher Dunne a dhroch ghoirteachadh.

Bha còir aig cùis-lagha an aghaidh Alice Ross a bhith ann an-uiridh, ach chaidh a' chùis a leigeil às nuair nach do dh'iarr an Crùn measaidhean meidigeach mar a bu chòir.

Tha dùil gum mair an Rannsachadh Thubaist Bhàsmhor cola-deug.