Corp ga lorg san Eilean Sgitheanach

  • 18 An Lùnasdal 2014

Dhearbh poilis anns an Eilean Sgitheanach gun d' fhuaireas corp boireannaich ann an ceann a tuath an eilein air an deireadh-sheachdain.

Chaidh an corp a lorg mu 6:15f Didòmhnaich, faisg air Hungladair ann an Cille Mhoire.

Thuirt oifigearan nach eil iad den bheachd aig an ìre seo gu bheil dad amharasach mun bhàs.

Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.