Maoin airson aiseagan a dhèanamh nas ruigsinnich

  • 18 An Lùnasdal 2014
Bàt'-aiseag Image copyright Getty Images
Image caption Bidh Stòras Ruigsinneachd nan Aiseag fosgailte do thagraidhean bhon roinn phoblaich agus an roinn phrìobhaidich.

Chaidh stòras-airgid luach £500,000 a chur air bhonn le Riaghaltas na h-Alba gus piseach a thoirt air slighean do chiorramaich air aiseagan agus aig puirt na dùthcha.

Bidh Stòras Ruigsinneachd nan Aiseag fosgailte do thagraidhean bhon roinn phoblaich agus an roinn phrìobhaidich.

Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Cè MacIlleDhuinn, gum bu chòir seirbheisean aiseag na h-Alba "a bhith fosgailte agus ruigsinneach dhan a h-uile duine".

Bithear a' gabhail thagraidhean gu deireadh na Samhna, agus thèid na h-iarrtasan a bhios soirbheachail fhoillseachadh san Fhaoilleach an ath-bhliadhna.

Thèid tuilleadh thagraidhean iarraidh ann an 2015.

Thuirt Mgr MacIlleDhuinn gu bheil companaidhean aiseig mar-thà a' leantainn riaghailtean teann a thaobh ruigsinneachd.

Thuirt e: "Dh'fhaodadh an taic-airgid a bhith na chuideachadh le farsaingeachd de mholaidhean, bho bhith a' leasachadh bhàtaichean is phort a th' ann mar-thà gus am bi e nas fhasa agus nas sàbhailte do dhaoine aig a bheil duilgheadasan gluasaid a bhith a' dol air bòrd agus air tìr, gu bhith a' trèanadh an luchd-obrach ann a bhith nas mothachaile mu chiorraim.

"Le bhith a' toirt seachad taic tro mhaoineachadh co-ionann, tha e a' ciallachadh gum faodadh suas ri £1m a bhith air a chosg air leasachaidhean ciorraim tarsainn lìonra nan aiseag."

Chuir Anne NicIlleathain, neach-gairm Chomataidh So-ghluasaid agus Ruigsinneachd na h-Alba, fàilte air an naidheachd gun deach a' mhaoin seo a chur air chois.