Fear a chaochail an Leòdhas ga ainmeachadh

  • 18 An Lùnasdal 2014

Tha na Poilis air fireannach a chaochail às dèidh tubaist rathaid ann an Leòdhas Disathairne ainmeachadh.

B' esan Harry MacThòmais, a bha 72, agus a bha e a' fuireach air sgìre a' Bhac ann an Leòdhas.

Bha Mgr MacThòmais a' dèanamh air Steòrnabhagh nuair a dh'fhàg an càr Vauxhall gorm aige an rathaid aig Sgoil Lacasdail mu 1.50f.

Chaidh a thoirt gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, ach cha b' urrainnear a shàbhaladh.

Dh'iarradh na poilis cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair.