Fear fo chasaid gun do rinn e oidhirp air muirt

  • 15 An Lùnasdal 2014

Nochd fireannach, aois 20, ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis fo chasaid gun do rinn e oidhirp air muirt.

Tha cuideachd casaidean giùlain sgeine agus ionnsaigh an aghaidh Sean Boyle, à Inbhir Nis.

Chaidh a thoirt an grèim às dèidh tachartais a dh'fhàg fireannach eile, aois 25, san ospadal.

Ann an èisteachd ann an dìomhaireachd aig Cùirt an t-Siorraidh, cha do rinn Mgr Boyle tagradh sam bith.

Chaidh a chumail an grèim agus thèid tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh.

Chaidh na poilis a ghairm gu buaireadh aig Diriebught Court ann an sgìre Allt a' Mhuilinn sa bhaile oidhche Chiadain.

Tha am fireannach eile fhathast ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile