Bàird Ghleann Dail

Gleann Dail Tha an leabhar ùr, Bàird Ghleann Dail, a' comharrachadh 100 bliadhna on a chaochail Niall MacLeòid agus a' glèidheadh dìleab a bhràthar bhig, Iain Dubh, 's an athar, Dòmhnall nan Òran ann an cruinneachadh de 60 obair.

Cha d' fhuair e an aon seòrsa cliù agus a choisinn a bhràthair agus athair mar bhàird, ach tha bàrdachd Iain Duibh MhicLeòid ann an clò airson a' chiad uair.

Tha an obair a' nochdadh ann an leabhar ùr a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus a mhac, Niall 's Iain Dubh.

Ach ged is e Niall a fhuair an tiotal mar Bhàrd Ghleann Dail na là, tha mòran den bheachd an-diugh gur e Iain Dubh an sgrìobhaiche a b' fheàrr.

Tha an leabhar ùr, Bàird Ghleann Dail, a' comharrachadh 100 bliadhna on a chaochail Niall MacLeòid agus a' glèidheadh dìleab a bhràthar bhig, Iain Dubh, agus an athar, Dòmhnall nan Òran ann an cruinneachadh de 60 obair.

Spèis

Tha buntanas aig Mòrag NicGumaraid, a tha i fhèin na bana-bhàrd, ris an sgìre dham buineadh iad.

"Tha mi uabhasach pròiseil, gu h-àraid gu bheil na h-òrain aig Iain Dubh ann.

"Tha mi eòlach air mòran dhiubh, ach tha mi cuideachd a' feitheamh gus an glèidh mi feadhainn air nach eil mi eòlach," thuirt i.

Thuirt a' bhana-bhàrd gur màithte gun robh barrachd spèis aig muinntir Ghleann Dail dha Iain, seach a bhràthair no athair.

"Bha e èibhinn agus bha e cho geur," thuirt i.

Deasaiche

'S i Meg Bateman, a tha cuideachd na bana-bhàrd, a dheasaich an leabhar le taic a bana-charaid, Anna Loughran, a mhol leithid de chruinneachadh nuair a bha an dithis aca nan oileanaich bho chionn còrr is 20 bliadhna.

"Cha cheannaichinn fhèin leabhar de bhàrdachd Nèill, chan eil e eagallach tarraingeach dhomh," bheachdaich i.

Thug i iomradh air mar a bha coimhearsnachd nan Gàidheal ag atharrachadh 's na bràithrean fhathast òg - bha cuid ann an Glaschu dìreach a' tòiseachadh air obair gnìomhachais, 's bha cuid eile fhathast an Gleann Dail. Thuirt i gun tug na Goill buaidh mhòr air na Gàidheil.

"Tha na h-òrain aig Niall cho foidhne, ann an dòigh, a chionn 's gu bheil e fo bhuaidh rudeigin ùr nach eil buileach nàdarra do na Gàidheil," thuirt i.

Bràithrean

Bha cùrsa beatha nam bràithrean gu math eadar-dhealaichte.

Chaidh Niall a Dhùn Eideann aig aois òg agus chaidh e na mharsanta teatha.

B' e seòladair a bh' ann an Iain agus chanadh gu leòr gun robh e 'dubh' ann an iomadach dòigh.

Ged a chaidh seachd irisean den chruinneachadh aig Niall, Clàrsach an Doire, a chlò-bhualadh, cha robh na facail aig a bhràthair riamh ann an clò.

Measail

B' e Gillean Ghleann Dail aon de na h-òrain a chruthaich Iain Dubh.

B' iad muinntir an àite a chùm a chuid bhàrdachd beò agus b' e athair Ailein Chaimbeul, Eàirdsidh Ruadh, à Cealbost, fear dhiubh.

"Bha seòrsa de spèis aig daoine do dh'Iain Dubh; bha e mar gun robh e na b' fhaisge orra.

"Nuair a sgrìobhadh e bàrdachd mar Gillean Ghleann Dail... bha a h-uile duine a bha riamh aig muir measail air an òran a bha sin oir bha an dealbh cho onarach is soilleir.

"Sin mar a bha, tha mi smaoineachadh, an ìomhaigh a bh' aca de dh'Iain Dubh," thuirt e.

Aithne

Tha uaigh Iain Duibh ann am Montreal, far an do chaochail e aig aois 58.

Bhàsaich Niall ann an 1913 agus chaidh a thiodhlacadh ann an Dùn Èideann.

Chaidh clach suas ann an Gleann Dail o chionn ghoirid ge-tà, a' toirt aithne dhan dithis, agus dhan athair, agus thèid cuirm oifigeil a chumail air an làraich as t-Fhoghair.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.