Ionad-turasachd ùr san amharc?

  • 15 An Lùnasdal 2014
Caisteal Inbhir Nis
Thèid buidheann-obrach ùr a stèidheachadh airson sùil a thoirt air na dh'fhaodadh a bhith air a dhèanamh leis a' Chaisteal.

Thèid beachdachadh air plana-leasachaidh airson Caisteal Inbhir Nis Dihaoine.

Thèid buidheann-obrach ùr a' stèidheachadh airson sùil a thoirt air na dh'fhaodadh a bhith air a dhèanamh leis a' Chaisteal.

Am measg na bhios air a' bhuidhinn, bidh buill bho Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha beachd ann gum bu chòir an togalach, far a bheil Cùirt an t-Siorraidh stèidhichte an-dràsta, a bhith na phrìomh làrach turasachd sa bhaile.

Faireachdainn làidir

Tha faireachdainn làidir ann gum bu chòir do Chaisteal Inbhir Nis a bhith air a chleachdadh ann an dòigh eadar-dhealaichte.

Tha eachdraidh iongantach aig an làraich, a' dol air ais còrr is 1,000 bliadhna, ged nach eil an caisteal fhèin, sa chruth anns a bheil e an-dràsta, air seasamh ach bho 1836.

Tha na gàrraidhean mun cuairt fosgailte don phoball, ach leis gu bheil e air a chleachdadh mar thaigh-cùirte, chan eil an togalach fhèin fosgailte do na mìltean luchd-turais a tha a' tighinn ga fhaicinn gach bliadhna.

Thuirt Ministear Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing: "'S e a th' air cùlaibh seo, nam bheachd-sa, ach am miann a th' aig mòran de mhuinntir Inbhir Nis, agus na Gàidhealtachd air fad, gum bu chòir do Chaisteil Inbhir Nis a bhith air a chleachadh na làrach turasachd, an gnìomhachas as cudromaiche don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, seach mar thaigh-cùirte.

"Nuair a thadhail mi air a' chaisteil, no Cùirt an t-Siorraidh, air an t-seachdain seo chaidh, nochd buidheann de luchd-turais à Sìona no Iapan aig a' chaisteil, a' sùileachadh gum faighear lorg air ionad-luchd-tadhail, no taigh-tasgaidh, no àite-bìdh, ach an àite sin b' e bhana Group 4 Security a bha gam feitheamh."

Dùbhlain

'S e an dùbhlan as motha a tha romhpa aig an ìre seo, càite an cuireadh iad Cùirt an t-Siorraidh.

Dh'aidich Fearghas Ewing nach robh fios aca càite an deadh a' Chùirt a stèidheachadh, 's gun toireadh e bliadhna no dhà tighinn gu co-dhùnadh mun sin.

Thuirt e gun deadh còmhraidhean a chumail eadar Riaghaltas na h-Alba, Seirbheis Chùirtean na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd gus àite ùr, freagarrach a lorg.

Tha an caisteal cuideachd air liosta nan togalaichean eachdraidheil agus, leis an sin, dh'fheumadh planaichean sam bith airson ath-chruthachadh a dhèanamh air an togalach a bhith air a dhealbhadh gu faiceallach.

Dh'fheumadh cuideachd co-chomhairleachadh a bhith air a dhèanamh le buidhinn leithid Alba Aosmhor, gus dèanamh cinnteach nach deadh riaghailtean sam bith a bhriseadh.

Mar sin, dh'fhaodadh gun toireadh na planaichean seo iomadach bliadhna a' tighinn gu buil.

Cosgaisean

Ged nach eil beachd fhathast cò a phàigheadh airson plana sam bith a nochdas, tha Mgr Ewing dòchasach gum bi airgead ann air a shon.

"Feumaidh sinn beachdachadh air ciamar a thèid an togalach a chleachdadh agus dè na cosgaisean a bhiodh na lùib.

"Bidh cosgaisean ann, tha fios gum bi, ach tha mise misneachail.

"Le bhith ag obair còmhla - Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd, cuide ri buidhnean turasachd, gnìomhachasan ionadail agus buidhnean dualchais - ma chuireas sinn sreath de roghainnean mu choinneimh a' phobaill, 's gum faighear taic airson an roghainn as fheàrr, fiù 's nan cosgadh e na milleanan, tha mi cinnteach gum faighear an t-airgead air a shon," thuirt Mgr Ewing.

Coinnichidh a' bhuidheann ùr airson a' chiad uair nas fhaide air adhart am-bliadhna, le Mgr Ewing agus Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, sa chathair.

Thèid co-dhùnadh an uair sin cò eile a bhios air a' bhuidhinn, leithid riochdairean gnìomhachais agus ceannardan turasachd.