Arcaibh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Barrachd smachd do chomhairlean ionadail

15 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bu chòir barrachd smachd a bhith aig ùghdarrasan ionadail air cìsean, agus a thaobh mar a tha an t-airgead a tha iad a' togail ga chosg.

Bha sin am measg bheachdan a nochd ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh le coimisean neo-eisimeileach, a chaidh a stèidheachadh a dh'aona-gnothaich gus coimhead ri deamocrasaidh aig ìre ionadail a leudachadh.

Tha an aithisg ag ràdh gum faodadh làn-chumhachd a bhith aig comhairlean gus a' chìs-chomhairle a stèidheachadh, agus air cuid de chìsean eile cuideachd.

Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoileataigeach, Mìcheal MacNèill.