Mì-thoileachas mu MPA Heisgeir

  • 15 An Lùnasdal 2014
Costa Uibhist Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dà chomharra glèidhteachais air fàire san sgìre an-dràsta.

Sgrìobh fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath gu Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Richard Lochhead, 's mì-thoileachas anns an sgìre mu phlana airson sgìre ghlèidhte MPA a stèidheachadh timcheall air Heisgeir.

Tha sgìrean MPA ag amas air dìon a bharrachd a chur air àrainneachd na mara.

Tha Uisdean Robasdan ag ràdh nach deach beachd na coimhearsnachd iarraidh, agus dh'iarradh e gun deadh coinneamhan a chur air dòigh ann an Uibhist gus am faigheadh daoine air na beachdan aca a thoirt seachad.

"Bha sinn a' cluinnteil gun robh iad a' coimhead ri rud mar seo, ach nuair a thàinig am fiosrachadh a-mach anns na pàipearan, agus e a' bruidhinn mu bhuidhnean eadar seo is Taigh Iain Ghròt mar gum biodh, agus beachd aca mu dheidhinn agus cho math 's a bhiodh e, cha robh beachd air a chur seachad idir idir on choimhearsnachd fhèin," thuirt Mgr Robasdan.

On mhullach

"Tha mi a' smaointinn gun robh sin caran tàmailteach.

"Agus tha mi a' smaointinn gu bheil e uabhasach nuair a tha sinn a' faighinn rud a' tighinn on mhullach fad an t-siubhail, gun a bhith a' toirt aire sam bith dhan fheadhainn a tha a' fuireach san sgìre.

"Tha còir aig na rudan seo, ma tha iad a' dol a thachairt, tighinn on bhonn ann an dòigh.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e ceart gum bi daoine o taobh a-muigh na sgìre ag innse dhuinn dè tha còir againn a dhèanamh, 's dè nach eil còir againn a dhèanamh.

"Ma tha seo gu bhith air ar muin, feumaidh sinne cothrom fhaighinn a bhith ga riaghladh ann an dòigh," thuirt e.

Tha Mgr Robasdan cuideachd draghail nach e seo an aon chomharradh glèidhteachais a tha fa chomhair nam buidhnean glèidhteachais anns an sgìre an-dràsta.

Talamh Fiadhaich

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) cuideachd am beachd a' mhuir far chosta an iar nan Eilean Siar eadar na Hearadh agus Barraigh a chomharrachadh mar SPA (Sgìre Dìon Shònraichte). Tha an sgìre sin a' gabhail a-steach Heisgeir.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e uabhasach furasta do SNH bualadh air na h-Eileanan, agus 's e sin a tha a' tachairt a thaobh Talamh Fiadhaich 's a h-uile rud a th' ann," thuirt e.

"Mar sin, tha sin na dhragh mòr, thoradh tha e a' tighinn sìos an costa an iar o Bharraigh suas dha na Hearadh.

"Tha sin a' dol a chur bacadh air cumhachd na mara tha mi a' creidsinn, 's a h-uile rud a th' ann.

"Chan fhaod sinn dad a dhèanamh aig muir no air tìr a rèir choltais," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile