Rabhadh mu fhoghlam Gàidhlig

  • 15 An Lùnasdal 2014
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Dh'iarr a' Chomhairle barrachd taic agus maoineachaidh mu choinneimh a' phoileasaidh.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd rabhadh don Riaghaltas Albannach nach obraich an cuid phlanaichean airson poileasaidh coitcheann nàiseanta a chur an sàs air feadh na h-Alba airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, aig tuath.

Tha an Riaghaltas an dùil bile a chur tron Phàrlamaid airson siostam stèidhichte a chur air dòigh airson iarrtasan phàrantan an cuid chloinne a chur gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a mheasadh.

Bhiodh mìneachadh cuideachd anns a' bhile air na tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' ciallachadh gu dìreach, anns na diofar dhreachan anns a bheil e ri fhaotainn an-dràsta - eadar clasaichean luchd-ionnsachaidh ann an sgoiltean Beurla, agus sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd ag aontachadh ri amasan a' bhile san fharsainneachd.

Ach thuirt Cathraiche na Buidhne, Hamish Friseal, gun cuireadh an fharsainneachd de dhòighean a tha san amharc cus uallaich air maoin chuingilte na Comhairle, agus gum feumar a bhith faiceallach le cuid de rudan.

"Bha dhà no trì rudan ann a bha sinn dìreach beagan diombach mu dheidhinn," thuirt e.

"Mar dìreach "one size fits all" mar a chanas iad. Chan eil sin a' dol a dh'obrachadh an seo.

"Tha an sgìre a th' againn caran farsainn is fada, 's tha sgoiltean caran sgapte. Rudan mar sin.

"Nì e duilgheadas dhuinne mar Chomhairle.

"Ach bha sinn cuideachd a' moladh, ma tha sinn a' dol a bhith a' dèanamh rudan mar sin agus a' dol leis an iarrtas a tha sin, gum bi barrachd taic ann dhuinne timcheall air 's dòcha ionmhas agus goireasan, airson a bhith a' dèanamh cinnteach gun dèan sinn oidhirp mhath airson seo a chur air adhart," thuirt e.

Tha duilgheadasan air a bhith aig a' Chomhairle co-cheangailte ri teagasg na Gàidhlig, leithid a bhith a' lorg ceannard stèidhichte do Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, agus a bhith a' tàladh thidsearan chun na sgìre.

Ri linn sin tha a' Chomhairle air moladh gun toir Riaghaltas na h-Alba taic a bharrachd do dh'Ùghdarrasan Ionadail tro mhaoineachadh agus a bhith a' sireadh thidsearan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile