Luchd-obrach aig Àranais a' call cosnaidh

  • 15 An Lùnasdal 2014

Gheibh mu 30 de luchd-obrach Ghàradh Àranais ann an Leòdhas an leabhraichean Disathairne, agus a' chiad chùmhnant a fhuair a' chompanaidh BiFab, a tha a' ruith a' ghàraidh, a' tighinn gu crìch.

Tha an àireamh sin a' dèanamh suas mu dhàrna leth an luchd-obrach gu lèir.

Thathas a' tuigsinn gu bheil cuid de luchd-obrach aig an dà ghàradh eile a th' aig a' chompanaidh ann am Fìobha a' call an cuid cosnaidh cuideachd.

Tha a' chompanaidh air a bhith ag obair air cùmhnant luach £50m airson stuth a thogail do raon-ghas anns a' Chuan a Tuath.