27,000 dachaigh gun chumhachd

  • 14 An Lùnasdal 2014

Bha 27,000 dachaigh gun chumhachd an dealain sna h-Eileanan Siar, san Eilean Sgitheanach agus air Iar-Thuath na Gàidhealtachd feasgar Diardaoin.

Chaidh an dealan dheth ann an grunn sgìrean aig 1.20f.

Thuirt a' chompanaidh dealain, Scottish and Southern Energy, gun robh trioblaid aca leis an loidhne dealain ann an Cille Chuimein, far an robh obair ga dhèanamh aig fear de na stèiseanan aca.

Cha robh an dealan dheth fada, 's chaidh cumhachd a thilleadh dhan a h-uile dachaigh ro 3.15f.

Thuirt riochdaire bho SSE nach deach cron a dhèanamh air an loidhne dealain, agus dh'iarr iad air duine sam bith air an do chur a' chùis maill an leisgeul a ghabhail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile