Fèill Uan na Luirge

  • 13 An Lùnasdal 2014
Uain
Image caption Thòisich cùisean gu slaodach aig fèill mhòr na Luirge agus an droch shìde a' toirt buaidh air staid nan uan, ach thog a' phrìs mar a chaidh an là air adhart.

Bha là math aig croitearan agus tuathanaich aig Fèill Uan na Luirge Dimàirt.

Bha prìs nan uan boireann suas co-dhiù £7 air an-uiridh, agus na h-uain fhireann suas £2 san fharsaingeachd.

'S i a' cheist a-nis, an seas na prìsean sin airson a' chòrr den bhliadhna.

Thòisich cùisean gu slaodach aig fèill mhòr na Luirge agus an droch shìde a' toirt buaidh air staid nan uan, ach thog a' phrìs mar a chaidh an là air adhart.

Sa chumantas, bha muilt gan reic air £55.41, suas £2.17 air an-uiridh.

Bha prìs nan uan boireann aig £65.55 sa chumantas, suas £7.54 bho an-uiridh.

Tha dòchas gu bheil seo na shamhla air na prìsean a bhios ri fhaotainn aig fèilltean eile a thèid a chumail air a' Ghàidhealtachd.

Dòchasach

Thuirt Iain MacAonghais, a bh' aig an fhèill 's a bhios a' reic air an ath-mhìos: "Bitheamaid an dòchas gun seasadh. Bidh mi ann an Inbhir Pheofharain a-màireach agus chì mi ciamar a bhios na prìsean an sin.

"Tha na h-uain reamhar, tha iad a' dèanamh glè mhath an-dràsta ann an Inbhir Pheofharain agus bhitheamaid an dòchas.

"Ach, tha e cuideachd a rèir na sìde," thuirt e.

Dh'innis Mgr MacAonghais gur ann airson briodadh a tha na h-uain bhoireann gan ceannach.

Bithear gan cumail airson ceithir no còig bliadhnaichean agus a' faighinn uan bhuapasan, 's thuirt e gur ann air sgàth sin a tha iad cho daor.

An dèidh bliadhna mhath, a thaobh na h-aimsire, thuirt e gun robh na h-uain math am-bliadhna agus gun robh barrachd dhiubh ann.

Thuirt e, anns an fharsaingeachd, gum biodh prìsean na bliadhna seo suas beagan air a' bhliadhna roimhe: "Cha bhi tòrr, ach bi iad suas beagan."

Luchd-ceannaich

Chaidh mu 5,000 uan a reic Dimàirt, le luchd-ceannaich an làthair às a' Chuimrigh, Sasainn agus Èirinn.

'S e seo an fhèill aon là as motha san Roinn Eòrpa agus bha an luchd-ceannaich ann airson na h-uain as fheàrr a lorg.

An dèidh ochd uair de thìde de reic, far an deach na mìltean notaichean a chosg, bha na croitearan 's na tuathanaich an ìre mhath toilichte leis mar a chaidh cùisean anns an Luirg.

Thathas ag ràdh ge-tà, gu bheil feum air na prìsean mòra seo gus an tèid aca air na cosgaisean aca fhèin a phàigheadh.

"Tha cosgais mhòr ann, fiù 's mus ruig iad an fhèill. Feumaidh tu a h-uile sgillinn, 's dòcha barrachd," dh'innis Mgr MacAonghais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo