Eas-aonta mu ospadal ùr an Eilein Sgitheanaich

Nurs Tha an co-chomhairleachadh a' ruith gu deireadh na mìos.

Sgeulachdan co-cheangailte

Bu chòir ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach 's Loch Aillse a bhith ann am Port Rìgh seach san Ath Leathann, a rèir a' chuid a bu mhotha de dhaoine a bha an làthair aig coinneimh phoblaich ann an Cille Mhoire oidhche Mhàirt.

Nochd faisg air 100 duine bho air feadh Thròndarnais agus dragh orra mu cho-chomhairleachadh poblach NHS na Gàidhealtachd, a tha a' moladh prìomh ospadal na sgìre a stèidheachadh ann an ceann a deas an eilein.

Tha an t-ùghdarras slàinte a' dol às aicheadh chasaidean a' phobaill gun do rinn iad co-dhùnadh mar-thà.

Tha dà ospadal san Eilean Sgitheanach an-dràsta, fear dhiubh ann am Port Rìgh agus fear eile san Ath Leathann.

Astar

Start Quote

A thaobh nan àireamhan dheth, feumaidh an t-ospadal a bhith ann am Port Rìgh, seach san Ath Leathann.”

End Quote Stephen Varwell Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Chille Mhoire

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad ro chosgail a ruith, agus gum faigheadh muinntir an eilein seirbheis nas fheàrr ma thèid an dùnadh, le fear ùr ga chur nan àite.

Dh'fhàgadh an co-dhùnadh gum biodh an t-ospadal ùr sin san Ath Leathann, gum biodh daoine ann an ceann a tuath an eilein 50 mìle air falbh bho ospadal.

"Chan e a-mhàin gur e am baile as motha a thaobh sluaigh, ach tha barrachd dhaoine ann tron là, agus mòran dhaoine a' dèanamh air Port Rìgh airson obair," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Chille Mhoire, Stephen Varwell.

"Tha sgoil ann le 500 sgoilear, tha an t-uabhas de luchd-turais, agus bheir soithichean crùis 1,000 duine a bharrachd a-steach.

"A thaobh nan àireamhan dheth, feumaidh an t-ospadal a bhith ann am Port Rìgh, seach san Ath Leathann."

Earbsa

Bha mòran den bheachd gun deach an t-Ath Leathann a thaghadh mar-thà, agus b' iad comhairlean coimhearsnachd Thròndarnais a rinn cinnteach gun robh fios aig an t-sluagh gun robh cothrom aca fhathast cur na aghaidh.

Aig a' choinneimh ann an Cille Mhoire, chaidh innse do riochdairean Seirbheis na Slàinte gun do chaill iad earbsa na coimhearsnachd.

Chaidh a ràdh nach robh iad air a bhith soilleir gu leòr, agus nach d' fhuair cuid na ceisteachain airson a' cho-chomhairleachaidh sa phost mar a bu chòir.

Bha ceistean ann cuideachd mun rannsachadh, agus an aithisg a rinneadh gun luaidh a dhèanamh idir air an astar eadar am baile as fhaide tuath, agus an t-Ath Leathann.

Bidh cothrom aig an t-sluagh ge-tà, am beachdan a thoirt do NHS na Gàidhealtachd mun cho-chomhairleachadh fhèin.

Cridhe is cuislean

Start Quote

Ma thèid mòr-chuid an aghaidh co-dhùnadh na buidhne-stiùiridh, coimheadaidh sinn air sin a-rithist, gu cinnteach.”

End Quote Jill Nic a' Phiucair NHS na Gàidhealtachd

Thuirt Manaidsear airson Ceann a Tuath agus Taobh Siar na Gàidhealtachd, Gill Nic a' Phiucair, nach deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast, agus gu bheil iad deònach coimhead as ùr air a' ghnothach.

"Tha sinn a' sireadh bheachdan air dà rud: an toiseach, modal cùraim ùr," thuirt i.

"So, a bheil daoine ag aontachadh ri modal "cridhe is cuislean" airson an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois?

"Feumaidh mi a ràdh, sa chuid as motha de dh'àiteachan, gu bheil daoine a' faicinn na cèille a tha an lùib sin.

"'S e an dragh mòr, mar a chunnacas a-nochd, càite dìreach a bhios an cridhe 's na cuislean.

"Gheall sinn gu làidir, ma thèid mòr-chuid an aghaidh co-dhùnadh na buidhne-stiùiridh, coimheadaidh sinn air sin a-rithist, gu cinnteach."

Thig an co-chomhairleachadh poblach gu crìch deireadh na mìos.

'S ann aig an Riaghaltas Albannach a bhios am facal mu dheireadh, ach mura bi cus dàil ann, bu chòir gum bi ospadal ùr fosgailte san sgìre an ceann còig bliadhna.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.