Cùmnant a' Chabhlaich Rìoghail ga fhoillseachadh

  • 12 An Lùnasdal 2014
Soithichean patròl clas aibhne Image copyright Ministry of Defence
Image caption Chaidh na planaichean fhoillseachadh an toiseach san t-Samhain an-uiridh.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte fiosrachadh mu chùmhnant airson trì soithichean patròl ùra a thogail air Chluaidh don Chabhlach Rìoghail, luach £348m.

Chaidh innse an-uiridh gun deadh na trì soithichean a thogail aig Gàradh BAE Systems ann am Baile a' Ghobhainn agus Scotstoun.

Thuirt an MoD a-niste gun cuir an cùmhnant dìon air còrr is 800 cosnadh air Chluaidh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e neo-eisimeileachd as fheàrr airson leasachadh a thoirt air gnìomhachas an togail-shoithichean.

Comas cogaidh

'S ann airson iomairtean an aghaidh ceannairc, spùineadaireachd agus cùiltearachd dhrogaichean ann an uisgeachan Breatannach a thèid na soithichean a chleachdadh.

"'S ann an gàraidhean soitheach Breatannach a-mhàin a tha soithichean Cabhlachd Rìoghail Bhreatainn a thogail," thuirt Rùnaire an Dìon, Mìcheal Fallon, agus e a' foilleachadh a' chùmhnant.

"Tha an cùmhnant seo, luach iomadh millean not, a' taisbeanadh ar miann a bhith a' cur airgid a-steach ann an soithichean ùra airson a' Chabhlaich Rìoghail, agus a bhith a' glèidheadh an eòlais a tha a dhìth airson na soithichean cogaidh seo a thogail san àm ri teachd ann am Breatainn.

"Bidh seo gu buannachd an sàr-luchd-obrach air Chluaidh, an teaghlaichean agus eaconamaidh ionadail Ghlaschu.

"Tha an seòrsa seo de dh'in-ionmhas bho Riaghltas na Rìoghachd Aonaichte riatanach airson togail-shoithichean a chumail a' dol sa bhaile, agus na ceudan de dhreuchdan speisealta einnsinìreachd a tha cho cudromach ann a bhith a' cumail comais cogaidh aig a' Chabhlach Rìoghail."

Luach an airgid

Bidh deaca itealan nan soithichean air ath-dhealbhachadh mu choinneimh nan heileacoptairean Merlin as ùire a th' ann, a thuilleadh air goireasan stòraidh agus fuirich nas motha a bhith annta.

Chaidh planaichean an togail air Chluaidh fhoillseachadh anns an t-Samhain an-uiridh, nuair a dhearbh BAE Systems gun robh e a' toirt togail-shoithichean gu crìch aig Portsmouth, agus a' gearradh còrr is 800 cosnadh aig na gàraidhean aca ann am Baile a' Ghobhainn, Scotstoun, Ros Saoidhe ann am Fòbha, agus aig oifis na companaidh faisg air Bristol.

"Cuirear fàilte air obair sam bith aig gàraidhean soitheach air Chluaidh, ach chan atharraich an naidheachd seo bho Westminster, dìreach seachdainnean air thoiseach air an Referendum, gur e neo-eisimeileachd as fheàrr airson a' ghnìomhachais," thuirt labhraiche do Riaghaltas na h-Alba.

"Leis gu bheil gàradh togail-shoithichean a' Chabhlaich Rìoghail ann am Portsmouoth ga dhùnadh, chan fhada gus nach bi àite eile anns na h-eileanan seo far an gabh obair air leithid de shoithichean dèanamh ach gàraidhean Albannach.

"Ma tha Westminster deònach obrachadh còmhla ri Astràilia a thaobh obair-dealbhachaidh do na soithichean Type 26 - agus òrdan luach cha-mhòr leth bhillean not a thoirt do Choirea a Deas airson tancairean armaichte - tha e fiù 's nas sìmplidhe soithichean a' Chabhlaich Rìoghail a thogail ann an gàraidhean Chluaidh, a tha a' tabhainn na càilleachd as àirde, agus an luach as fheàrr airson an airgid."

Tha dùil gum bi a' chiad tè de na trì soithichean deiseil ann an 2017.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile