Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bhòt nam Prìosanach

Cha do shoirbhich idir aig Cùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna le deichnear phrìosanach Albannach a bha ag iarraidh airgid-dhìolaidh airson gun deach a' bhòt a dhiùltadh dhaibh sna taghaidhean Eòrpach ann an 2009. Dh'aontaich a' chùirt ann an Strasbourg gun do bhris Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte còirichean nam prìosanach, ach thuirt a' chùirt nach eil iad airidh air airgead-dìolaidh.

Neo-eisimeileachd

Dh'fhoillsich Rùnaire Ionmhais na h-Alba, John Swinney, plana airson neo-eisimeileachd anns a bheil deich puingean, le aire gu sònraichte air cosnadh a chruthachadh. Thuirt e gun toireadh bhòt airson neo-eisimeileachd air an ath-mhìos cothrom do dh'Alba air togail le smachd fhèin air cìsean agus poileasaidh eaconamach. Thuirt taobh an Aonaidh nach eil creideas sam bith aca ann am planaichean an SNP gus an tèid ceistean a fhreagairt mu shiostam an airgid ann an Alba neo-eisimeileach.

Aig an aon àm dh'ainmich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cùmnnant luach cha-mhòr £300m airson trì bàtaichean ùra dhan Chabhlach Rìoghail, rud a chuireas dìon air 800 cosnadh air Chluaidh.

Iorac

Chuir Breatainn an dàrna earrainn de chobhair dha na mìltean a tha gun dachaigh 's gun bhiadh an dèidh teicheadh bhon t-sabaid ann an ceann a tuath Iorac. Leig Feachd an Adhair biadh agus stuth eile às air Beinn Sinjar, far a bheil mìltean de na mion-chreideamhan ann an èiginn. Thuirt Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, gum beachdaich Aimeireaga air tuilleadh taic-armaichte agus cuideachadh eile do dh'Iorac ma thèid riaghaltas a stèidheachadh a bheir àite dhan a h-uile taobh. Dh'iarr Mgr Kerry air Haider al-Abadi, an duine a thathas a' moladh mar Phrìomhaire ùr, riaghaltas a chur air bhonn a nì na buidhne an Stàit Ioslamach a th' air smachd a ghabhail air mòran de cheann a tuath na dùthcha.

Robin Williams

Tha mòran a' dèanamh luaidh air an actair Robin Williams a chaochaill aig a dhachaidh ann an California. Thuirt na Poilis gu bheil a h-uile coltas ann gun do chuir Mgr Williams, a bha 63, làmh na bheatha fhèin. Rinn e ainm dha fhèin an toiseach sa phrògram comadaidh Mork and Mindy sna 70an, mus deach e air adhart gu filmichean mar Good Morning Vietnam, Dead Poets' Society, Good Will Hunting, agus Mrs Doubtfire.

Fèill na Luirge

Tha Fèill Uan na Luirge ann an-diugh, an fhèill aon là as motha san Roinn Eòrpa. Tha tuathanaich agus croitearan a' cur luach air Fèill na Luirge mar thomhas air cò ris a bhios prìs nan uan coltach am bliadhna. Tha dùil gun tèid mu 20,000 uan agus caora mhaol tron rùp an-diugh.

Panda

Thuirt Sù Dhùn Èideann an-diugh gu bheil iad gu math cinnteach a-niste gu bheil dùil aig a' phanda Tian Tian, ri cuilean, agus gum faodadh e a bhith ann ro dheireadh na mìos seo. Thuirt fear-labhairt aig an sù, gur e slighe chugalach a th' ann an gin panda, agus gu bheil cnunart ann gum faodadh Tian Tian an cuilean a chall, mar a thachair rithe an-uiridh. Ma thig cùisean gu buil, mar a tha dùil, 's e a' chiad turas riamh a rugadh cuilean panda ann am Breatainn.