Cur a' ghill

  • 7 An Lùnasdal 2014
'Gleidhidh sinn an Not' arsa Salmond

"'S e ar not, agus cumaidh sinn e."

Sin mar a thug Ailig Salmond gach freagairt gu crìch aig àm nan ceist an-diugh.

Às dèidh an deasbaid telebhisein oidhche Mhàirt, cha robh teagamh ann gur e seo an cuspair a thigeadh am bàrr agus a' Phàrlamaid a' tilleadh airson seisean sònraichte an Lùnastail.

Bha dà là aig a' phrìomh mhinistear freagairt a lorg, agus seo an tè a thagh e.

Ghlèidheadh Alba an not, thuirt e, air sgàth 's gur ann leatha a bha e.

Cha b' urrainn dha bhith na bu shìmplidhe.

Cosgail

Chan eil cùisean sìmplidh idir, ge-tà.

Às dèidh do na trì pàrtaidhean mòra aig Westminster cantainn nach gabhadh iadsan ris an aonta airgid a tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh, chan eil seo soilleir, do luchd-bhòtaidh co-dhiù.

Fo cheasnachadh an riochdairean aig Holyrood an-diugh, thuirt Mgr Salmond a-rithist gun seinneadh iad fonn eile às dèidh dha taic fhaighinn bhon t-sluagh ann an reifreann na Sultaine.

Chum am prìomh mhinistear a-mach gum bitheadh e ro chosgail don chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte aonta airgid a dhiùltadh, agus e a' fàgail e gun gabhadh iadsan fiachan Bhreatainn uile.

Ach, thuirt Johann Lamont, Ruth Davidson agus Willie Rennie nach robh sin an urra ri Mgr Salmond, ach ris na daoine anns a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

Dè, mar sin, a bha anns a' phlana B aige?

Sluagh-ghairm

Cha tuirt Mgr Salmond ach gun robh grunn roghainnean ann, air am mìneachadh anns a' Phàipear Gheal - nam measg airgead Albannach ùr, an Euro, agus cleachdadh an not gun aonta.

Is coltach gur e sin am 'Plana B' ann an dà-rìribh.

Leis an sluagh-ghairm ùr aige, tha Mgr Salmond a' tomhas gum bi an luchd-bhòtadh feargach le luchd an Aonaidh airson an not aca a dhiùltadh dhaibh.

Tha Nas Fheàrr còmhla an dòchas, ge-tà, gur ann le Mgr Salmond fhèin a bhios an fhearg airson an not nam pocaidean a chur ann an cunnart.

Sia seachdainean chun an là ron reifreann fhèin, 's ann air ceistean airgid a tha aire an luchd-bhòtaidh.

Tha an tìde a' ruith orra an geall fhèin a chur.