Dragh mu dhìon eun-mara

  • 7 An Lùnasdal 2014
Costa an Iar Uibhist Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaidh 12 sgìre SPA a mholadh air feadh na h-Alba.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a' moladh gum bu chòir costa an iar nan Eilean Siar bho na Hearadh sìos gu ruige Barraigh a chomharrachadh mar sgìre far am bu chòir tuilleadh dìon a chur air eòin-mhara.

Thathas a' tuigsinn nach eil am moladh sin ach aig ìre thràth fhathast.

Chan eil ach cola-deug bho chaidh fhoillseachadh gun deach 30 sgìre air feadh Alba a chomharrachadh mar àiteachan glèidhteachais shònraichte MPA.

Chaidh iad sin aontachadh le Riaghaltas na h-Alba, agus bha na h-iasgairean an ìre mhath leigte ris.

Bacadh air leasachadh

'S e Sgìre Dhìon Shònraichte (SPA) a bhiodh anns na tha SNH a' moladh airson costa an iar nan eilean ge-tà.

Thèid am moladh a chur gu Riaghaltas na h-Alba airson beachdachadh air, agus thèid conaltradh a dhèanamh air an dòigh air adhart.

Chaidh 12 SPA a mholadh uile gu lèir timcheall na dùthcha, le tè dhiubh mu Hiort, agus tèile mu Eilean Rùim.

A' nochdadh dragh mun phlana, thuirt Huw Francis bho Stòras Uibhist, gun robh tuilleadh 's a chòrr den leithid a' dol air adhart san sgìre.

Chan eil fada sam bith bho chaidh beanntan Uibhist a Deas a chomharrachadh mar Fearann Fiadhaich.

Thuirt Mgr Francis gun robh e a' cur bacadh air daoine agus air leasachadh a thoirt air an eaconamaidh.

Aithneachadh

Thuirt e gun robh e neònach gun robh daoine cho deiseil na h-eòin agus na lusan a dhìon 's gu bheil iad a' dìochuimhneachadh gur e an t-adhbhar gu bheil iad cho prìseil agus cho cudromach, gu bheil na croitearan agus na h-iasgairean air a bhith a' coimhead às an dèidh fad ghinealaichean.

Ach thuirt e, chan eil dìon sam bith a' dol air na croitearan no air na h-iasgairean, 's gu dearbha, gun robh iadsan ann an cunnart a dhol à bith.

Thuirt fear-labhairt do SNH gum feumar tòrr bruidhinn a dhèanamh fhathast mu na bhios a' tachairt anns na sgìrean SPA, a' gabhail a-steach an iasgaich.

Thuirt e gum biodh e gu mòr a rèir dè seòrsa iasgaich air an robhas a' bruidhinn, agus gu cudromach, dè a' bhuaidh a bhiodh aige sin air na h-eòin.

Ach thuirt e, leis gun robh na sgìrean seo cudromach mar thà, agus ann an suidheachadh far a bheil na h-eòin falain annta, gum biodh e reusanta smaoineachadh gum faodadh an t-iasgach leantainn.

A dh'aindeoin sin thuirt e, nan deadh aithneachadh gu bheil seòrsa sònraichte de dh'iasgach a' dèanamh cron air na h-eòin, gum feumte coimhead ris.

Thuirt e gur e brìgh SPA a bhith ag aithneachadh cho cudromach 's a tha sgìre, agus airson sin a chumail ann an inntinn dhaoine mus tigeadh atharrachadh mòr sam bith oirre san àm ri teachd.