Seinn nam fonn

  • 6 An Lùnasdal 2014
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Salmond is Darling a' dol aghaidh ri aghaidh

Dè ur beachd mu dheasbad na h-oidhche a-raoir?

Tha an dà thaobh a' cumail a-mach gur e am fear acasan a fhuair làmh an uachdair.

Ach chan eil teagamh agam fhìn gur e muinntir Nas Fheàrr Còmhla a bhios nas toilichte an-diugh.

Chan ann air sgàth 's gun d' rinn Alistair Darling a' chùis air Ailig Salmond - cha d' rinn.

Ach, air sgàth 's gun do chuir an dithis an uimhir de dh'ùine seachad a' bruidhinn mun chuspair as fheàrr leothasan.

Bidh iad air dòigh mas ann mar sin a leanas cùisean.

Ceasnachadh

Mar a sgrìobh mi an là eile, bha Mgr Darling airson 's gum faiceadh daoine an deasbad mar chothrom Ailig Salmond a cheasnachadh air na planaichean aige airson neo-eisimeileachd.

Ghabh e an cothrom sin, a' cur ùine mhòr seachad a' faighneachd mun airgead a chleachdadh Alba neo-eisimeileachd.

Dhomhsa, cha do shoirbhich le Mgr Salmond an t-uallach a thionndadh air ais air an t-seann sheansalair - gu h-àraid mu nu cumhachdan ùra a dh'fhaodadh tighinn gu Alba ma bhòtas sinn airson an t-Aonadh a ghleidheadh.

Chaidh an dà thaobh às àicheadh gu bheil an reifreann an crochadh air an deasbad anns an Taigh-Chiùil.

Ach chuala sinn na fuinn a ghabhas iad anns na sia seachdainean a tha romhainn.

Chan eil fhios againn fhathast cò a bhios a' seinn nuair a thig toradh na bhòt a-staigh.