Corp Ghlinn Èite air ainmeachadh

  • 6 An Lùnasdal 2014
Beinn Starbh
Bha Mgr MacDhùnLèibhe air a bhith a' coiseachd air Beinn Starbh.

Dh'ainmich na Poilis fireannach a chaidh fhaighinn marbh ann an Gleann Èite ann an ceann a tuath Earra-Ghàidheal Didòmhnaich.

Bha Màrtainn MacDhùnLèibhe 55 bliadhna de dh'aois, agus bhuineadh e do Choatbridge.

Bha e air a bhith a' coiseachd nam beann anns an sgìre.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn nuair nach do thill e mar a bha dùil bho chuairt a thug e air Beinn Starbh Disathairne.

Thàinig air Sgioba Teasairginn Ghlinn Chomhann an iomairt aca Disathairne a thoirt gu ceann ge-tà, ri linn droch aimsire.

Thòisich iad ga shireadh a-rithist Didòmhnaich, agus lorg iad a chorp feasgar.

Bha sgiobannan an Òbain agus Loch Abar a' cuideachadh leis na Comhannaich san iomairt, a thuilleadh iar dà heileacoptair leis an RAF, agus coin theasairginn.

Lorg sgioba bho HMS Gannet, a tha stèidhichte aig Preastabhaig, a chorp mu 1:17f, aig Coire Lotha.