NHS na Gàidhealtachd thar am buidseit

  • 7 An Lùnasdal 2014
Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption 'S e Ospadal an Ràthaig Mhòir, an ospadal an motha air a' Ghàidhealtachd, as motha a thèid thairis air a' bhuidseat aca.

Tha stiùiriche ionmhais NHS na Gàidhealtachd air draghan a thogail mu shuidheachadh ionmhais na buidhne.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh a' bhùird shlàinte an ath-sheachdain, tha Nick Kenton a' togail gu bheil NHS na Gàidhealtachd dualtach a bhith còrr is £15m thairis air a' bhuidseat aca airson na bliadhna ionmhais seo, ma leanas cùisean orra mar a tha iad.

Innsidh Mgr Kenton dhan bhòrd gu bheil cùisean nas miosa am-bliadhna na tha iad air a bhith mun àm seo ann am bliadhnaichean eile.

Trì mìosan an dèidh do bhuidseat na bliadhna seo a bhith air a stèidheachadh, thathar an dùil a bhith £15.6m thairis air buidseat aig deireadh a' Mhàirt.

Iasad

Aig deireadh na bliadhna ionmhais a chaidh, b' fheudar do sheirbheis slàinte na Gàidhealtachd iasad de £2.5m iarraidh air Riaghaltas na h-Alba airson na leabhraichean a chothromachadh.

Am-bliadhna, feumar còrr is £22m a chùmhnadh.

Innsidh Stiùiriche an Ionmhais gur e Ospadal an Ràthaig Mhòir, an ospadal an motha air a' Ghàidhealtachd, as motha a thèid thairis air a' bhuidseat aca - mu £10.5m thairis.

Tha coltas gur e buidseat sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid an aona bhuidseat a thathar a' sùileachadh far an tèid aca air na leabhraichean a chothromachadh.

Cion luchd-obrach

Am measg nan rudan a tha a' cur cuideam air sporran na bliadhna seo, tha cosgaisean làitheil, leithid drogaichean agus obair-lannsa, ag èirigh.

Tha cion-luchd obrach cuideachd na dhuilgheadas mòr dhan bhòrd shlàinte, le gainnead dhotairean teaghlaich a' ciallachadh gu bheil tuilleadh dhotairean locum gam fastadh.

Aig coinneamh a' bhùird shlàinte, canaidh Mgr Kenton gu bheil an suidheachadh na fhìor dhragh dha, an taca ri bliadhnaichean eile.

Canaidh e cuideachd gun tèid aca air na leabhraichean a chothromachadh aig deireadh na bliadhna ionmhais, ach gum feumar ceumanan a ghabhail cho luath 's a ghabhas gus na leabhraichean a thoirt chun na h-ìre a dh'iarradh iad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile