Gach taobh buadhmhor san deasbad

  • 6 An Lùnasdal 2014
Ailig Salmond agus Alistair Darling
Image caption Chaidh an deasbad eadar ceannard Nas Fheàrr Còmhla, Alistair Darling, agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a chraoladh bèo air STV.

Tha gach taobh san deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba ag ràdh gur e an duine acasan a shoirbhich san deasbad telebhisein oidhche Mhàirt.

Chaidh an deasbad eadar ceannard Nas Fheàrr Còmhla, Alistair Darling, agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a chraoladh bèo air STV airson dà uair an uaireadair.

Am measg nam prìomh chuspairean a dh'èirich eadar Mgr Salmond agus Mgr Darling, bha ceist an airgid, ola a' Chuain a Tuath, peinnseanan agus foghlam oilthigh an asgaidh.

Nochd am Prìomh Mhinistear beachd gun robh Alba ga riaghladh le pàrtaidhean san Rìoghachd Aonaichte nach deach a thaghadh le muinntir na dùthcha.

Thuirt Alistair Darling nach robh luchd-taic neo-eisimeileachd fhathast air ceistean bunaiteach a fhreagairt.

Ged a tha an dà thaobh ag ràdh gur iad a thàinig am bàrr san deasbad, tha cunntas-bheachd a rinneadh le ICM dhan phàipear-naidheachd, an Guardian, às dèidh làimh, a' cumail a-mach gun robh 56% de dhaoine den bheachd gur e Mgr Darling a shoirbhich.

Tha na buidhnean iomairt a-nis ag ràdh gun cuir iad spàirn nan iomairt mus tig a' bhòt air neo-eisimeileachd an ceann sia seachdainnean.

Aghaidh ri aghaidh

A' coinneachadh aghaidh ri aghaidh airson a' chiad turais riamh ann an deasbad telebhisein mu neo-eisimeileachd na h-Alba, agus air beulaibh 350 den luchd-bhòtaidh, chaidh an deasbad a thòiseachadh leis a' Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond.

Le sia seachdainean ri dhol mus feum luchd-bhòtaidh na h-Alba co-dhùnadh dè tha ro Alba agus an Rìoghachd Aonaichte mar dhùthaich, bha Mgr Salmond a' bruidhinn airson neo-eisimeileachd.

Dh'innis e don luchd-amhairc gur e glè bheag de dhaoine a dheadh às àicheadh gum faodadh Alba a bhith na dùthaich shoirbheachail, neo-eisimeileach.

Thuirt e gun robh 49 a-mach às na 71 dùthchannan a ghabh pàirt ann an Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis mun aon mheud no nas lugha na Alba, ach an dèidh sin gu bheil na mìltean de chloinn le teaghlaichean an urra ti bancaichean-bidhe, fhad 's a bha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cosg sùimean mòra de dh'airgead air armachd niuclasaich a tha stèidhichte air Chluaidh.

"Airson còrr is dara leth mo bheatha, tha Alba air a bhith ga riaghladh le pàrtaidhean aig Westminster nach robh sinn air a thaghadh - na pàrtaidhean a thug dhuinn gnothaichean leithid a' chìs cheann agus cìs nan seòmraichean cadail, agus 's iadsan na h-aon dhaoine a tha ag innse dhuinn, tro 'Pròiseact an Eagail' nach eil an dùthaich seo comasach air a cùisean fhèin a riaghladh," thuirt Mgr Salmond.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Alasdair Allan BPA, bhon iomairt Bu Chòir, a' cnuasachadh mun deasbad.

"Tha a' chùis sìmplidh dhomhsa a-nochd. Cha dèan duine, duine sam bith, oidhirp nas fheàrr air Alba a' ruith na nì na daoine a tha a' fuireach agus ag obair ann an Alba.

"Tha an cothrom as fheàrr a bhios againn nar beatha gu bhith againn air an 18mh là den t-Sultain, bu chòir dhuinn a ghlacadh le ar dà làimh," thuirt e.

Bhruidhinn BP Làbarach Iar-Dheas Dhùn Èideann, Alistair Darling, a bha roimhe na Sheansalair 's a tha na cheannard air a' bhuidhinn iomairt Nas Fheàrr Còmhla, a tha a' strì airson an t-Aonadh a chumail, às dèidh a' Phrìomh Mhinisteir gus an deasbad fhosgladh agus a thòiseachadh.

Thuirt Mgr Darling gur ann mu àm ri teachd na h-Alba a tha an referendum, 's nach ann mu ghràdh-dùthcha.

"Tha mise ag iarraidh gun soirbhich le Alba. Chan eil mi airson cnapan-starra ùra, iomaill ùra, crìochan ùra, fhaicinn far nach eil gin an-dràsta. Chan eil mi airson 's gun cuir càil bacadh air na h-obraichean agus an tèarainteachd a tha a dhìth oirnn nar dùthaich.

"Tha amannan ann far am feum sinn, airson maith ar teaghlaichean agus airson maith air dùthcha, 'No' a ràdh - chan ann air sgàth 's nach urrainn dhuinn, ach, gu sìmplidh, air sgàth 's gur e an rud cheart," thuirt e.

"Ann an sia seachdainnean, nì sinn an co-dhùnadh as motha a rinn sinn a-riamh ann an Alba - agus cuimhnich, ma roghnaicheas sinn fàgail, chan urrainnear a dhol air ais - chan eil dara cothrom ann.

"Mar sin, le misneachd, le pròis 's le dòchas, nach diùlt sinn na cunnartan a thig an cois neo-eisimeileachd, 's nach tagh sinn a' chuid as fheàrr on dà shaoghal a bhith againn, chan ann a-mhàin dhuinn fhèin ach dha na ginealaichean a th' air thoiseach oirnn," thuirt Mgr Darling.

Thuirt e cuideachd nach eil bhòt "Cha bu chòir" a' ciallachadh nach tig atharrachaidhean, agus a' toirt slaic air Ailig Salmond, thuirt an t-seann Sheansalair: "Chan urrainnear an co-dhùnadh seo a stèidheachadh air tuairmsean, corragan croiste no an earbsa dall aigesan."

Airgead

Ged a thòisich cùisean gu socair, cha robh fada ann gus an do dh'fhàs cùisean guineach eadar an dithis a bha a' deasbad.

Gan ceasnachadh leis an luchd-amhairc, chaidh togail air mòran de na prìomh chuspairean a th' air nochdadh gu ruige seo san deasbad - eadar an t-airgead a dh'fhaodadh a bhith aig Alba neo-eisimeileach, peinnseanan, foghlam agus cosgaisean airson cungaidhean-leighis.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Alasdair Moireasdan, bhon iomairt Nas Fheàrr Còmhla, a' cnuasachadh mun deasbad.

Dhaingnich Mgr Salmond am beachd a th' aig a' bhuidhinn iomairt Bu Chòir, gum bi aonadh-airgid ann leis a' chòrr den RA agus gu bheil an Not le muinntir na h-Alba chun na h-aon ìre 's a tha i le daoine eile anns an RA, ge bith dè a tha luchd-taic an Aonaidh ag ràdh mun chùis.

"Cumaidh sinn an Not oir buinidh i do dh'Alba a' cheart uimhir 's a bhuineas i do Shasainn. 'S e an Not againne a th' innte a thuilleadh air an Not agaibhse. Dh'aidich fiù 's Gòrdan Brown gun robh e neo-tharbhach do bhur n-iomairt Seòras Osborne a chur suas a dh'Alba a ràdh 'Chan fhaod sibh an Not a chleachdadh'," thuirt am Prìomh Mhinistear.

A thaobh ceist an airgid, tha luchd-taic an Aonaidh a' cumail a-mach gun robh freagairt Mhgr Salmond na eisimpleir air mar a shoirbhich leis an riochdaire acasan ann a bhith a' cumail ceann a' mhaide ris a' Phrìomh Mhinistear, 's iad a' feuchainn ri freagairtean fhaighinn bhuaithe air a' chuspair.

"Chan obraich aonadh-airgid ach a-mhàin nuair a tha aonadh poileataigeach agad, agus 's e sin a th' againn an-diugh. Innsidh leanabh sam bith a tha ochd bliadhna de dh'aois dhut dè am bratach a th' aig dùthaich, dè a' phrìomh-bhaile a th' aig dùthaich agus an t-airgead a thathar a' cleachdadh.

"Tha mi a' gabhail ris gur e Crann na h-Alba am bratach, tha mi a' gabhail ris gum bi Dùn Èideann fhathast mar phrìomh-bhaile na dùthcha, ach chan urrainn dhut innse dhuinn dè an t-airgead a bhios sinn a' cosg - dè a shaoileas leanabh ochd bliadhna den sin?" dh'fhaighnich Mgr Darling.

Cumachdan

Ach, thuirt sgioba a' Phrìomh Mhinisteir nach robh freagairt choileanta aig Mgr Darling a thaobh dè na cumhachdan a bharrachd a dheadh a ghluasad a dh'Alba ma bhòtas daoine an aghaidh neo-eisimeileachd.

Bha iad a' cumail a-mach gun do bhruidhinn Mgr Salmond dìreach ris an luchd-bhòtaidh, ag argamaid gur e neo-eisimeileachd an aon dòigh air dèanamh cinnteach gum faigh muinntir na h-Alba an Riaghaltas a chaidh a thaghadh leotha fhèin.

Thuirt Mgr Darling gur e fear a th' ann a th' air cùl-taic a chur ri Alba, ach uaireanan gu bheil e nas fheàrr rud a dhiùltadh agus "No" a ràdh.

Le gach taobh san deasbad ag ràdh gun do shoirbhich leothasan sa chiad deasbad telebhisein, tha dùil gum bi tòrr a bharrachd den t-seòrsa deasbaid seo ri fhaicinn sna sia seachdainean a tha romhainn, 's na buidhnean iomairt a' bruidhinn ris a' BhBC, agus ri craoladairean eile, mu an leithid de dheasbadan a chumail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile