Loidhne Shrath Spè ga leudachadh

  • 5 An Lùnasdal 2014
Loidhne Shrath Spè Image copyright Ronnie Leask / Geograph
Image caption Thathas an dòchas nach fhada gus am bi trèanaichean a' dol a-rithist eadar An Aghaidh Mhòr agus Baile nan Granndach.

Thuirt an fheadhainn a tha os cionn Loidhne Rèidhle Shrath Spè gu bheil iad an dùil gun tèid a leudachadh gu faisg air Baile nan Granndach anns an t-Fhoghar.

Bha Companaidh Rèidhle Shrath Spè air cead dhan leasachadh iarraidh bho Bhòrd Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, is tha sin a-nise aca.

Chaidh cur às dhan loidhne a bh' ann an linn an Dotair Beeching anns na 1960an.

Chuir a' chompanaidh rompa bho chionn fhada gun cuireadh iad an loidhne air dòigh às ùr is gun rachadh trèanaichan smùid eadar an dà àite.

Ghabh iad ceum air adhart nas traithe am-bliadhna nuair a chaidh an drochaid tarsainn air Uisge Thulnain a stèidheachadh às ùr.

Cnap-starra

'S e an cnap-starra mu dheireadh a th' aca a-nise dòigh fhaighinn seachad air an A95 aig Gathaich.

Thuirt Cathraiche Urras Loidhne Rèidhle Shrath Spè, Dàibhidh Friseal, gu bheil e a' bhuidheann an eisimeil Còmhdail Alba gus sin a choileanadh.

"Feumaidh iad drochaid a chur tarsainn air an loidhne rèidhle agus airson sin a dhèanamh bidh aca ris an trafaig a chur far an A95 fhad 's a bhios an obair ga dèanamh.

"S e pròiseict dhoirbh a bhios ann is tha sinn air a bhith ag obair còmhla riutha gus taic a thoirt dhaibh agus 'son sealltainn dhaibh na buannachdan eaconomach a thig gu Baile nan Granndach às an leasachadh seo", thuirt e.

Tha an t-Urras an dòchas gun tòisich an obair san Earrach an ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile