Ceannardan a' gealltainn tuilleadh chumhachdan

  • 5 An Lùnasdal 2014
Brataichean
Image caption Dheadh tuilleadh chumhachdan a thaobh chìsean agus sochairean sòisealta a thoirt do Holyrood nan deadh neo-eisimeileachd a dhiùltadh, a rèir Chamshron, Mhiliband agus Chlegg.

Dheadh tuilleadh chumhachdan a thaobh chìsean agus sochairean sòisealta a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba nan deadh neo-eisimeileachd a dhiùltadh, a rèir Dhaibhidh Chamshron, Ed Miliband agus Nick Clegg.

Tha ceannardan nan trì pàrtaidhean as mòtha aig Westminster air co-dhearbhadh fhoillseachadh, a' cur taic ri bhith "a' neartachadh" Holyrood.

Thuirt tè-labhairt dhan Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond, nach robh san dearbhadh ach "dreach ùr" air seann gheallaidhean.

Thèid an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba a chumail air an 18mh là den t-Sultain.

Dearbhadh foirmeil

Tha seo a' tighinn agus Mgr Salmond agus Mgr Darling, ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, gus a dhol aghaidh ri aghaidh ann an deasbad telebhisein mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Tha an dearbhadh foirmeil - a chaidh a shoidhneadh leis a' Phrìomhaire, Mgr Camshron, an Leas-Phrìomhaire agus Ceannard nan Lib-Deamach, Mgr Clegg, agus Ceannard nan Làbarach, Mgr Miliband - a' gealltainn cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba a neartachadh a thaobh a bhith a' dèiligeadh ri "uallach fiosgail agus tèarainteachd shòisealta".

Tha e a' cur air adhart phlanaichean gus tuilleadh chumhachdan a thoirt do Holyrood "cho luath 's a ghabhas" an dèidh taghadh choitcheann na h-ath-bhliadhna - ma bhòtas Alba airson fuireach san RA.

Fa-leth, gheall Ed Miliband Achd ùr na h-Alba a chur an sàs le tuilleadh chumhachdan a thaobh chìsean, sochairean agus obraichean ma thèid riaghaltas Làbarach a thaghadh aig Westminster sa Chèitean an ath-bhliadhna.

Moiteil

"Tha mise moiteil às eachdraidh nan Làbarach a thaobh fèin-riaghlaidh. B' e Pàrlamaid na h-Alba a chruthachadh fear de na ciad rudan a rinn sinn mar Riaghaltas ann an 1997, agus 's e a bhith ga neartachadh fear de na ciad rudan a nì sinn ma thèid ar taghadh mar riaghaltas sa Chèitean. Cuiridh sinn Achd ùr na h-Alba an sàs, le tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba a thaobh chìsean, sochairean agus obraichean," thuirt Mgr Miliband.

"Chan ann a-mhàin airson cothromachadh teachd-a-steach agus beartais a tha an ath-riaghaltas Làbarach a' seasamh.

"Seasaidh sinn airson co-ionnanachd nas motha nuair a thig e gu cumhachd. Cha bu chòir cumhachd a bhith air a chruinneachadh uile ann an Lunnainn, ach air a sgaoileadh air feadh ar dùthcha," thuirt e.

Tha an co-dhearbhadh a dh'fhoillsich na trì pàrtaidhean ag ràdh: "Tha sinn a' cur taic ri Pàrlamaid Albannaich làidir ann an Rìoghachd Aonaichte làidir, 's tha sinn a' cur taic ri neartachadh a bharrachd do chumhachdan na Pàrlamaid.

"Dh'fhoillsich Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba agus Pàrtaidh Libearalach Dheamocratach na h-Alba am molaidhean fa-leth airson tuilleadh fèin-riaghlaidh do dh'Alba nam bhòtadh an sluagh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Gealltanasan

"Thèid na molaidhean sin a chur fa chomhair mhuinntir na h-Alba aig àm an ath-thaghaidh choitchinn agus tha na trì pàrtaidhean a' gealltainn gun tèid tuilleadh chumhachdan a lìbhrigeadh do Phàrlamaid na h-Alba cho luath 's a ghabhas ann an 2015.

"Ri linn a' ghealltanais seo, thig Pàrlamaid Albannach nas làidire ann an Rìoghachd Aonaichte nas làidire."

Ge-tà, thuirt tè-labhairt dhan Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond: "Cha tèid duine ann an Alba a mhealladh leis an dreach ùr a tha seo de sheann gheallaidhean Westminster airson chumhachdan neo-ainmichte ma thèid bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd - tha na Tòraidhean air sin fheuchainn roimhe.

"Rinn Daibhidh Camshron sabaid mhòr gus roghainn airson tuilleadh chumhachdan a chumail far nam pàipearan-baileat agus mar sin, carson a ghabhadh duine feart dha a-nis?"

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile