Geamaichean mòra sa Phrìomh Lìog

  • 1 An Lùnasdal 2014
Bail' Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiuthsaich. Image copyright Neil G Paterson
Image caption Coinnichidh nàbaidhean Bhàideanaich ann an Ceann a' Ghiuthsaich oidhche Haoine.

Tha deireadh-seachdain fìor chudromach air fàire ann am Prìomh Lìog na h-iomain le geamaichean a bheir buaidh air mullach agus bonn na lìge.

Tòisichidh gnothaichean oidhche Haoine le seann nàimhdean Ceann a' Ghiuthsaich is Bail' Ùr an t-Slèibh a' dol an aghaidh a chèile.

'S ann aig Bail' Ùr an t-Slèibh a tha làmh an uachdair a-nise ann an rèis an tiotail is bidh iad ann an sunnd às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Lòbhat san iar chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh.

Tha am Bail' Ùr air leithid Danny MacRath fhaighinn air ais aig fìor dheagh àm is cuiridh dà phuing ann an Ceann a' Ghiuthsaich iad ann an suidheachadh làidir an lìog a bhuannachadh a-rithist.

Tha Ceann a' Ghiuthsaich fhèin a' gealltainn sgioba làidir a chur a-mach 'son a' gheama is dh'fhaodadh gun nochd Raghnall Ros a-rithist is coltas ann gu bheil an sgioba ga dheasachadh 'son cluich ann an iar-chuairt dheireannaich Chupa na Camanachd an ath-sheachdain.

Ceist

'S e a' cheist ge-tà, am bi an geama sin aig cùl inntinn Chinn a' Ghiuthsaich, fiù 's ged a chòrdadh e riutha maill a chur air Bail' Ùr an t-Slèibh.

Tòisichidh an geama ann an Ceann a' Ghiuthsaich oidhche Haoine aig 6:30f.

Bidh Lòbhat am measg na bhios a' cumail sùil gheur air a' gheama is fios aca gum fosgail an doras aig mullach na lìge às ùr dhaibhsan mura faigh am Bail' Ùr an dà phuing.

Tha fìor dhùbhlan mu choinneimh Lòbhait fhèin Disathairne ge-tà, nuair a thèid iad gu Taigh na Bruaich gus cluich an aghaidh Chaoil Bhòid.

Chan e geama a tha seo a dh'iarradh Lòbhat às dèidh dhaibh an t-slighe a chall beagan bho chionn ghoirid.

Sreap

Tha Caol Bhòid fhèin ann an sunnd is iad air an Cupa Ceilteach a bhuannachadh is àite fhaighinn sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh, cho math ri sreap suas an lìog.

Nì Lòbhat glè mhath ma thilleas iad gu tuath leis an dà phuing.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog tha cothrom aig Ceann Loch Seile an t-àite aca san lìog a ghlèidheadh le dà phuing aig an taigh an aghaidh Ghlinne Urchadain.

Fhuair an sgioba iad fhèin ann am beagan de staing le call 4-1 ri Loch Abar an t-seachdain seo chaidh, buaidh a thug dòchas do Loch Abar gun urrainn dhaibh fhathast fuireach san lìog.

Bidh puing cha-mhòr gu leòr do Cheann Loch Seile ach ma nì an Gleann a' chùis - is iad gun chall bho chuairt dheireannaich Chupa MhicThàmhais - thèid an t-strì eadar Loch Abar is Ceann Loch Seile dha na geamaichean mu dheireadh den t-seusan.

Teannadh

Ann an Lìog Tuath 1 tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich a-nise a' teannadh dlùth air an tiotal a bhuannachadh is bheir dà phuing an aghaidh Inbhir Nis ann am Port Rìgh iad ceum nas fhaisge.

Chan eil gnothaichean a' dol le Inbhir Nis an-dràsta is iad aig bonn na lìge às dèidh dhaibh call 9-1 ri dàrna sgioba Chinn a' Ghiuthsaich an t-seachdain seo chaidh agus 's e fìor iongnadh a bhios ann mura dèan na Sgitheanaich an gnothach an seo.

Ann an Lìog Tuath 3 bidh na Leòdhasaich ann an sunnd a' dol gu Baile Ùr nan Granndach is iad air soirbheachadh 3-0 an aghaidh Chabair Fèidh bho chionn seachdain, buaidh cho math sa bh' aca a-riamh.

'S e crìochnachadh san dàrna àite san lìog a tha san amharc aig na Leòdhasaich a-nise is ghabhadh iad ceum mòr a dh'ionnsaigh sin le dà phuing an aghaidh Shrath Spè.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile