Adhartas air cosgaisean lìbhrigidh

  • 31 An t-Iuchar 2014
Fear a' dèanamh parsail
Image caption Foillsichidh Ministear Chùisean an Luchd-Ceannaich, Jo Swinson, prionnsabalan airson seirbheisean lìbhrigidh phairsealan.

Fhuair iomairt a tha ag amas air cur às do chìsean mì-chothromach agus mì-shoilleir air seirbheisean puist ann an sgìrean dùthchail taic bho Riaghaltas Bhreatainn.

Diardaoin ann an Glaschu, foillsichidh Ministear Chùisean an Luchd-Ceannaich, Jo Swinson, prionnsabalan airson seirbheisean lìbhrigidh phairsealan.

Tha na prionnsabalan stèidhichte air rannsachadh a rinn Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse o chionn dà bhliadhna, mu na bha daoine a' faireachdainn mu chosgaisean lìbhrigidh do sgìrean iomallach.

Fhuairear freagairtean bho chòrr is 3,000 duine, 's iad air an sàrachadh leis nach robh iad a' faighinn lìbhrigeadh saor nuair a bha e air a ghealltainn, no fiù 's lìbhrigeadh a bhith air a dhiùltadh buileach ri linn far an robh iad a' fuireach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile