Obair togail san amharc aig Cala Inbhir Ùige

  • 31 An t-Luchar 2014

Thèid Cala Inbhir Ùige a chleachdadh co-cheangailte ri fear de na tuathan-gaoithe aig muir as motha a th' anns an t-saoghal.

Tha dùil gun cruthaichear na mìltean de chosnaidhean leis a' phròiseact, a tha fo stiùir Beatrice Offshore Windfarm Earranta, agus gun cuir e gu mòr ri eaconamaidh na Gàidhealtachd.

Thèid an sgeama a' stèidheachadh còmhla ri pròiseact eile a tha fo stiùir Moray Offshore Renewables, 14 mìle far chladaichean Ghallaibh.

Tha dùil gum bi còrr is 250 crann-gaoithe san tuath air fad, a' cruthachadh nan ceudan megawatt de dhealan.