Obair a' tòiseachadh air càball bann-leathainn

  • 31 An t-Iuchar 2014
Càball
Image caption Bheir an iomairt seo ceanglaichean didseatach nas luaithe do 95% de dh'àiteachan ann an Alba ron bhliadhna 2017.

Tòisichidh obair Diardaoin air càball bann-leathainn eadar Leòdhas is na Hearadh agus Tìr Mòr.

Tha seo mar phàirt de phròiseact, luach £410, a tha ag amas air bann-leathann nas fheàrr a sgaoileadh do choimhearsnachdan dùthchail.

Bheir an iomairt seo ceanglaichean didseatach nas luaithe do 95% de dh'àiteachan ann an Alba ron bhliadhna 2017.

'S e seo aon de na h-earrainnean as motha a bhios ann; uile gu lèir thèid 250 mìle de chàball a laighe far taobh siar na h-Alba.

Treabhadh

Treabhaidh bàta sònraichte grunnd na mara, a' cleachdadh crann a thèid fon uisge.

Bidh uidheaman, a th' air an obrachadh bhon bhàta, an uair sin a' tìodhlacadh a' chàbaill am broinn armachadh dùbailte.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gum bi bann-leathann luath a' fàgail choimhearsnachdan iomallach le eaconamaidh nas seasmhaiche san àm ri teachd.

Tha ge-tà, daoine ann an cuid de choimhearsnachdan draghail gum bi iadsan anns a' bheag-chuid nach fhaigh buannachd nuair a thig a' phròiseact gu crìch.

Seasmhach

Tha an eòlaiche IT, Dòmnall Dòmhnallach, dòchasach gun dèan seo diofar mòr dha na h-Eileanan.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gu bheil an ceangal a th' aca ri Tìr Mòr an-dràsta loma-làn, leis gu bheil daoine an-diugh a' dèanamh barrachd is barrachd air an eadar-lìon.

Thuirt e gu bheil cùisean air fàs glè shlaodach, 's gu bheilear an dòchas gun toir seo buaidh mhòr air a' chùis.

"Chan e a-mhàin gum bi e nas luaithe, ach bidh e nas seasmhaiche oir tha dà chàball gu bhith againn - tha fear ann an Uibhist a Deas cuideachd.

"Leis an sin, ma thèid aon chàball sìos, bu chòir gum b' urrainn dhuinn am fear eile a chleachdadh," thuirt e.

Fibre-optic

Leis gur e càball fibre-optic a tha ga chur an sàs, bu chòir gum bi seirbheis nas luaithe ri fhaighinn air feadh na sgìre.

Cha tàinig dearbhadh bho BT fhathast ge-tà, air càite am bi an t-seirbheis fìor luath ri fhaighinn.

Bheachdaich Mgr Dòmhnallach gur iongantach mura biodh e ri fhaighinn ann am baile Steòrnabhaigh, agus 's maithte sna bailtean air iomall a' bhaile.

Ged nach biodh an t-seirbheis fibre-optic ri fhaighinn nan dachannan sa chiad dol a-mach, thuirt Mgr Dòmhnallach gum bu chòir gum biodh daoine mothachail nach robh cùisean cho buileach slaodach dhaibh.

Tha BT ag amas air bann-leathainn luath a thoirt do 84% de thaighean is gnìomhachasan air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, ged nach deach ceann-là a chur mu choinneimh na h-obrach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo