Iarrtas airson ionad dialysis an Earra-Ghàidheal

  • 30 An t-Iuchar 2014
Nurs agus euslainteach Image copyright Science Photo Library
Image caption Tha aig dithis bhoireannach ann an Ceann Loch Chille Chiarain ri siubhal cha-mhòr 700 mìle gach seachdain air sgàth gainead ghoireas ann an Earra-Ghàidheal.

Thathas a' fàgail air NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' briseadh chòirichean euslainteach ri linn cho fada 's a th' aca ri siubhal airson leigheas dialysis.

Tha aig dithis bhoireannach ann an Ceann Loch Chille Chiarain ri siubhal cha-mhòr 700 mìle gach seachdain air sgàth gainead ghoireas ann an Earra-Ghàidheal.

Trì làithean san t-seachdain, tha Kathleen Sharp agus Màiri MicAoidh a' dol air ais 's air adhart gu Ospadal Mhàgh Leamhna ann an Alexandria - turas de 230 mìle uile gu lèir.

Thuirt an dithis pheinnseanair gu bheil sin a' fàgail nach eil mòran beatha aca, leis gu bheil iad a' falbh cho tràth agus a' tilleadh cho anmoch, agus air leth sgìth air na làithean nach eil iad a' siubhail.

Gealltanas

Thuirt an Comh. Dòmhnall Kelly, Cathraiche Buidheann Taic nan Dubhag ann an Ceann Loch Chille Chiarain, gu bheil iad airson cuideam a chur air NHS na Gàidhealtachd ionad dialaysis a stèidheachadh anns a' bhaile.

Thuirt neach-labhairt do NHS na Gàidhealtachd gun robh iad ag obrachadh le euslaintich is luchd-obrach gus siubhal a leasachadh agus leigheas dialysis a thoirt nas fhaisge air Ceann Loch, taobh a-staigh buidseatan teanna.

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Ailig Neill, gu bheil e air gealltanas iarraidh bhon bhòrd gun toir iad sùil às ùr air ionad dialysis a stèidheachadh ann an Earra-Ghàidheal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile