20 a' call cosnaidh sna Hearadh

  • 30 An t-Iuchar 2014
An Tairbeart Image copyright Geograph/Mike Pennington
Image caption Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad airson cosgaisean a ghearradh air sgàth crìonadh san eaconamaidh.

Thathas a' tuigsinn gu bheil 20 cosnadh a' falbh anns na Hearadh, 's gun deach innse do luchd-obrach an GSH Group gun tèid an oifis air an Tairbeairt a dhùnadh.

Thuirt a' chompanaidh, a tha an sàs ann an obair-stiùiridh chumhachd is ghoireasan, na bu thràithe air an t-Samhradh gun robh iad airson cosgaisean a ghearradh air sgàth crìonadh san eaconamaidh is gun dèanadh iad ath-sgrùdadh air an obair aca air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Tha iad airson barrachd den obair-rianachd aca a dhèanamh aig a' phrìomh oifis aca ann an Stoke on Trent.

Thuirt tè de chomhairlichean na Hearadh, Catrìona Dhòmhnallach, gur e fìor bhuille chruaidh a tha seo dhan eilean is gur e obraichean a bha seo a bha a' cumail dhaoine anns na Hearadh.

Co-chomhairleachadh

"Tha seachdainean on a chuala sinn gun robh co-chomhairleachadh ga dhèanamh, 's gur dòcha gum faodadh seo a bhith a' tachairt, ach tha eagal orm gum feumadh gun robh iad air an inntinn a dhèanamh suas ron a sin," thuirt i.

Dh'innis a' Bh. Dhòmhnallach gun d' fhuair a' Chomhairle, agus comhairlichean ionadail, fios gun d' fhuair an luchd-obrach litrichean ag ràdh riutha gun robh an oifis air an Tairbeart a' dùnadh.

Anns an litir, chaidh innse dhaibh gu bheil 20 duine a-mach às an 22 a tha ag obair san oifis ionadail a' call an dreuchd.

"Cha-mhòr gum b' urrainn dhuinn a chreidsinn, leis cho doirbh 's a bha an naidheachd," thuirt a' Bh. Ph. Dhòmhnallach.

Thuirt i gun robh an obair air a bhith a' dol o chionn grunn bhliadhnaichean agus gun robh daoine òga, boireannaich agus fireannaich den h-uile aois air obair fhaighinn ann.

"Bhithinn fhèin a' faicinn, nuair a bha feadhainn òga a' faighinn obair ann, gur e fìor rud math a bh' ann o chionn 's bha iad a' faighinn obair san àite, agus bha e a' coimhead coltach gum faodadh iad fuireach agus an dachaigh a dhèanamh anns an àite," thuirt i.

Ao-coltach

Bheachdaich i gun robh sin gu math ao-coltach ri mar a b' àbhaist gnothaichean a bhith; sna ginealaichean roimhe, bha daoine tric a' falbh gu tìr-mòr airson obraichean fhaighinn.

"Tha àireamh an t-sluaigh air a dhol sìos agus tha sinn feumach air obraichean den t-seòrsa seo, mar a bha a' dol anns an oifis seo, dìreach airson daoine a chumail anns an àite," thuirt i.

Thuirt a' Bh. Ph. Dhòmhnallach gun do rinn a' Chomhairle an dìcheall, a' co-obrachadh le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Business Gateway airson roghainnean a chur mu choinneimh na companaidh gus an gabhadh na h-obraichean a ghlèidheadh.

Thuirt i gun deach plana a dhèanamh, 's a chur mun coinneimh, ach nach do ghabh iad ris.

"Ged a thàinig an naidheachd o chionn dhà no trì sheachdainean, bha iad a' bruidhinn air co-chomhairleachadh an uair sin. Bha a h-uile dùil agamsa co-dhiù, agus barrachd orm, gun lorgar dòigh air choiregin air na h-obraichean a chumail," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile