Brataich
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Kerry sa phrìomh 13

30 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chrìochnaich Kerry Nic a' Phì anns an 13mh àite ann am farpais nam baidhsagal-beinne aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.

B' i Catharine Pendrel à Canada a choisinn am Bonn Òir, air thoiseach air Emily Batty (Bonn Airgid), cuideachd à Canada, agus Rebecca Henderson à Astràilia (Bonn Umha).

Cuideachd bho sgioba na h-Alba, chrìochnaich Lee Craigie anns an 7mh àite agus bha Jessie Roberts san 11mh àite.

Chaidh an rèis a chumail air Bruaichean Cathkin.