An Comh. Iain MacGriogair air caochladh

Chaochail an comhairliche ùr airson sgìre cheann a tuath an Òbain agus Latharna, Iain MacGriogair.

Bha e 62 bliadhna de dh'aois.

Bha Iain MacGriogair a' fuireach anns a' Choingheal, agus tha nas lugha na trì seachdainean ann bho chaidh a thaghadh mar chomhairliche.

B' ann leis a bha Taigh-òsta Lochnell Arms, Talla Chruinneachadh Earra-Ghàidheal agus a' bhùth, Highland Fasteners, anns an Òban, a thuilleadh air àiteachan eile thall 's a-bhos.

Bha e cuideachd an lùib a bhith a' reic agus a' ceannach fearainn.

Thathar ga chuimhneachadh mar dhuine a bha a' cur meas mhòr air gnothaichean teaghlaich agus an luchd-obrach aige; ach cuideachd mar dhuine aig an robh lèirsinn, agus anns an robh spionnadh.

Bhathar an làn-dùil gun cuireadh e beachdan ùra air adhart taobh a-staigh na Comhairle airson baile an Òbain ath-bheothachadh, agus a thaobh piseach a thoirt air turasachd agus gnìomhachas anns an fharsaingeachd ann an Earra-Ghàidheal.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.