Tubaist mhairbhteach air an A87

  • 29 An t-Luchar 2014

Chaidh dràibhear a mharbhadh ann an tubaist eadar dà charbad air an A87 san Eilean Sgitheanach.

Thachair an tubaist mu 4:20f Diluain, aig Druim nan Cleochd, beagan deas air Sgonnsair.

Cha deach an dràibhear ainmeachadh fhathast.

Bha an rathad dùinte fad grunn uairean de thìde as dèidh na tubaiste.

Tha na poilis airson cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair no a bh' anns an sgìre aig an àm.