Mapa
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leasachaidhean rathaid a dhìth

29 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha am prìomh rathad tron Eilean Sgitheanach, an A87, dùinte grunn uairean de thìde Diluain, an dèidh droch thubaist faisg air Sgonnsair.

'S e seo an treas droch thubaist air prìomh rathaidean turasachd na Gàidhealtachd ann an ceithir là.

Chaill oileanach òg a bheatha air an A87 faisg air Inbhir Garadh Disathairne.

Tha iarrtasan ann a-nis airson airgead a chosg air an A87, agus an A82, airson beatha dhaoine a shàbhaladh.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.