Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fracadh

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gur ann am fìor shuidheachadh ainneamh a bheireadh iad cead do tholladh airson ola is gas ann am pàircean nàiseanta agus sgìrean a tha sònraichte a thaobh na h-àrainneachd. Tha an Riaghaltas a' toirt fiachadh do chompanaidhean cead iarraidh airson ola is gas a thoirt à clach ghuail le fracadh, rud a th' air a bhith connspaideach le gearainnean mun bhuaidh air an àrainneachd. Tha pàirt de mheadhan na h-Alba am measg nan sgìrean a chaidh a chomharrachadh air feadh Bhreatainn.

Gàsa

Tha oifigich Israelach 's Pailistinianach air a bhith a' càineadh Comhairle Thèarainnteachd nan dùthchannan Aonaichte, a dh'iarr fois an-dràsta gun chùmhnant bhon t-sabaid ann an sgìre Ghàsa. Thuirt riochdaire nam Pailistinianach aig an UN nach deach an aithris fada gu leòr, agus tha Israel a' gearain nach eil guth ann air còir Israel air i fhèin a dhìon bho ionnsaighean rocaid à Gàsa.

Yukos

Chaidh iarraidh air an Ruis luach £30bn de dh'airgead-dìolaidh a thoirt do dh'fheadhainn aig an robh earrainnean anns a' chompanaidh ola Yukos. Thàinig a' chùis rèiteachaidh san Hague dhan cho-dhùnadh gur e Riaghaltas na Ruis a chuir a' chompanaidh fodha a dh'aona-ghnothach.

Morningside

Thèid fear a tha 23 bliadhna de dh'aois mu choinneimh na cùirte ann an Dùn Èideann an-diugh fo chasaid gun do rinn e ionnsaigh dhrabasta agus oidhirp air murt. Chaidh an t-ionnsaigh a thoirt air seann bhoireannach na dachaigh fhèin ann an sgìre Morningside ann an Dùn Èideann, air 11mh an t-Iuchar.

Oifis nan Ceadan-Siubhail

Tha mìltean de luchd-obrach Oifis nan Ceadan-Siubhail air stailc an-diugh 's iad a' gearain air am pàigheadh agus nach eil luchd-obrach gu leòr aca airson an cuid obrach a dhèanamh. Tha Oifis na Dùthcha air a bhith a' càineadh na stailce, agus dragh ann gun toir e buaidh air planaichean dhaoine airson làithean-saora.

An A9

Tha obair-sgrùdaidh air tòiseachadh air rathad an A9 an-diugh, mar phàirt den ullachadh airson an earrainn den rathad eadar Ceann na Creige agus Dail Radaidh a thoirt gu ìre dà-fhillte. Mairidh an obair airson sia seachdainnean le dùil gum bi e deiseil air an 18mh là den t-Sultain. Bithidh pàirt den rathad dùinte fhad 's a tha an obair a' dol air adhart, agus bidh solais trafaig ann.

Còmhdhail aig na Geamaichean

Thuirt luchd-stiùiridh Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu gu bheil iad a' cur tuilleadh ghoireasan ris an t-siostam siubhail Park and Ride. Bha gearainnean ann an-dè agus na mìltean luchd-amharc a bha fadalach airson toiseach na lùth-chleasachd aig Hampden fhad 's a bha iad a' feitheamh ri busaichean.