Eaglais ùr ga stèidheachadh ann an Uibhist

Glainne dhathte Nuair a dh'fhàg an t-Urr. Caimbeul an coithional agus an eaglais, dh'fhàg sin Eaglais na h-Alba gun aon mhinstear stèidhichte ann an Uibhist.

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha eaglais ùr ga cur air bhonn ann an Uibhist, le ministear a dh'fhàg Eaglais na h-Alba san sgìre.

'S e an t-Urr. Dòmhnall Caimbeul am ministear stèidhichte mu dheireadh a bh' aig Eaglais na h-Alba ann an Uibhist.

Tha an t-Urr. Caimbeul ag amas air an t-soisgeul a thoirt do dhaoine nach eil ceangailte ri eaglais sam bith an-dràsta.

Eaglais Coimhearsnachd Uibhist a Tuath

Start Quote

Bha sinn a' faireachdainn gun robh cothrom ga chur romhainn, agus dh'aontaich sinn gur e seo an t-slighe a bha an Cruithear gar stiùireadh gus an t-soisgeul a thoirt gu muinntir Uibhist a Tuath ann an dòigh ùr.”

End Quote An t-Urr. Dòmhnall Caimbeul Uibhist a Tuath

Dh'fhàg an t-Urr. Dòmhnall Caimbeul coithional Loch nam Madadh agus Bheàrnaraigh, agus Eaglais na h-Alba, aig deireadh an Ògmhios.

"Bha sinn a' faireachdainn gun robh cothrom ga chur romhainn, agus dh'aontaich sinn gur e seo an t-slighe a bha an Cruithear gar stiùireadh gus an t-soisgeul a thoirt gu muinntir Uibhist a Tuath ann an dòigh ùr," thuirt Mgr Caimbeul.

A-nis tha eaglais ùr, fon ainm Eaglais Coimhearsnachd Uibhist a Tuath, a' coinneachadh gach Là na Sàbaid ann am Bun-sgoil Loch nam Madadh.

Gu tric, nuair a bhios sgaradh ann eadar ministear agus eaglais, bidh cuid den choithional a tha e a' fàgail a' leantainn am ministear.

Ach, tha Mgr Caimbeul ag amas air eaglais a chruthachadh de dhaoine 's dòcha nach eil a' dol do dh'eaglais sam bith an-dràsta, neo nach robh riamh.

"Thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad, tha sinn air a bhith ag obair cuide ris an Challenge Bus agus tron sin, tha sinn air coinneachadh ri teaghlaichean aig nach robh ceangal sam bith ris an eaglais, agus air nach tug an eaglais buaidh roimhe," thuirt e.

Taic

Thuige seo ge-tà, tha Mgr Caimbeul air a bhith eòlach air taic fhaighinn bho èildearan, clèir agus lìonra aig eaglais mhòr stèidhichte.

"Chan eil mi a' sùileachadh gun dèan mi seo leam fhìn. Tha measgachadh de dhaoine a tha a-nis ag adhradh còmhla rinn aig a bheil gibhtean eadar-dhealaichte. Tha sinn ag ionnsachadh bho dhaoine eile a th' air an t-slighe seo a ghabhail roimhe," thuirt e.

Ged a tha an eaglais ùr seo neo-eisimeileach an-dràsta, a rèir Mhgr Chaimbeul dh'fhaodadh sin atharrachadh san ùine fhada.

"Tro thìde, nì sinn ceanglaichean ri buidhinn air choireigin, ach an-dràsta, coltach ri eaglaisean eile a th' air ùr-thòiseachadh, bheir sinn ùine gus meòrachadh agus faicinn dè dìreach an t-slighe a tha an Cruithear a' cur romhainn," thuirt e.

Nuair a dh'fhàg an t-Urr. Caimbeul an coithional agus an eaglais, dh'fhàg sin Eaglais na h-Alba gun aon mhinstear stèidhichte ann an Uibhist.

Thuirt neach-labhairt bho Eaglais na h-Alba gu bheil Comhairle Ministrealachd na h-Eaglaise a' toirt làn-thaic do Chlèir Uibhist, 's gum bi dà mhinistear le sàr-eòlas ag obair an sin a dh'aithghearr.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.