Dragh mu thuilleadh sgìrean MPA

  • 25 An t-Iuchar 2014
Ròin
Image caption Tha dragh gu bheil na sgìrean MPA a' cur bacadh air gnìomhachasan beaga ionadail.

Tha dragh air fear de chomhairlichean nan Eilean Siar mu phlana 'son 30 sgìre-ghlèidhte aig muir (MPA).

Bidh tè dhuibh far na h-Eileanan Mònach far costa an iar Uibhist a Tuath.

Tha na sgìrean glèidhte air a bhith connspaideach roimhe le cuid ag ràdh gu bheil iad a' cur stad air leasachadh.

Ach tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun cuidich na sgìrean le dìon air eòin agus grunnd na mara.

Ìre Ìseal

Tha an Comh. Dòmhnall Manford gu math teagmhach mun deidhinn, an dèidh dha a' bhuaidh a th' aig leithid de sgìre air gnothachasan beaga ionadail fhaicinn san sgìre aige fhèin, ann am Barraigh.

"Gu ìre mhòir tha iad air bacadh mòr a dhèanamh," thuirt e.

"Far an robh e fosgailte do dhaoine rudan a dhèanamh agus a bhith a' cur rudan air n-aghaidh, 's e a' chosgais a tha mu thimcheall air feuchainn ri rud sam bith fhaighinn air n-aghaidh, ga thachdadh.

"Mar eisimpleir bidh daoine a' bruidhinn mu dheidhinn feusgain, agus tuathanas beag a dhèanamh.

"Rud sam bith aig ìre ìseal, tha an t-ionmhas a dh'fheumas tu a chur an sàs airson faighinn seachad air na cnapan-starra a tha na buidhnean glèidhteachais a' cur a-steach, tha e uabhasach uabhasach doirbh, agus tha e a' dol seachad air an ionmhas a th' aig gnìomhachasan beaga.

"Tha e car eadar-dhealaichte airson ghnìomhachasan mòra, a thaobh tha an t-ionmhas aca airson a dhèanamh.

"Ach mar a tha mise a' faicinn sin, tha e a' cur tachdadh air gnìomhachasan beaga tighinn air n-aghaidh le obair sam bith agus gnìomhachas sam bith a bhiodh iad airson a thoirt an sàs.

"Ged a tha, feumaidh sinn aideachadh, adhartasan air an dèanamh o chionn bhliadhnaichean, agus tha mi a' faicinn ann an seo fhèin, gu bheil an leithid Caidreachas Iasgairean na h-Alba agus Caidreachas nan Iasgairean Clèibhe a' moladh seo, agus a' moladh nan cothroman a dh'fhaodadh tighinn às. Tha sin a' sealltainn gu bheil adhartas mòr air a bhith ga dhèanamh, ach chan eil sin a' ciallachadh nach eil dragh ann - agus dragh gu math domhain," thuirt e.