Obraichean air falbh an Inbhir Nis

  • 25 An t-Iuchar 2014
Einnsean
Image caption 'S ann a' reic ghnothaichean do chàraichean agus do gharaidsean a bha Unipart Automotive.

Chaidh 16 obraichean aig tuath a chall is companaidh a bha a' reic phìosan de chàraichean agus stuthan do gharaidsean air a dhol ann an rianachd.

Chaillear naoi dreuchdan ann an Inbhir Nis agus seachd ann an Eilginn aig a' chompanaidh Unipart Automotive.

Bha còrr is 1,800 duine aig obair aig a' chompanaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Chaidh pàirtean den chompanaidh a reic ri companaidhean eile ach thèid a' mhòr-chuid de na cosnaidhean a chall.

Rathad MhicEanruig

'B ann air Rathad MhicEanruig ann an sgìre Longman a bha ionad na companaidh ann an Inbhir Nis.

"A dh'aindeoin gach oidhirp a rinn sinn anns na seachdainean a chaidh seachad, cha b' urrainn dhuinn aonta a ruighinn gus Unipart Automotive a reic mar aona chompanaidh", thuirt Mark Orton bhon luchd-rianachd, KPMG.

"Gu mì-fhortanach, bha trioblaidean ionmhais a' bualadh air a' chompanaidh fad grunn bhliadhnaichean is le crathadh mòr a dhìth oirre, bha an fheadhainn aig an robh ùidh innte den bheachd gun robh an gnothach ro chugallach dhaibh.

"Bheir an sgioba cuideachadh dhan fheadhainn a tha air an cosnadh a chall", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile