Moladh air muinntir nan carabhan

  • 25 An t-Iuchar 2014
Bhana-campachaidh
Image caption Tha tòrr a bharrachd de na bhanaichean a tha seo a' tadhal air na h-Eileanan an Iar san là th' ann.

Thàinig beachd bho thè a tha a' ruith ghoireasan turasachd ann an Uibhist gu bheil carabhanaichean is bhanaichean-campachaidh a' cur gu mòr ri eaconamaidh nan Eilean Siar.

Ged a tha barrachd luchd-turais a' tighinn dha na h-Eileanan na bha a-riamh roimhe, tha cuid air ceist a thogail mu dè dìreach na buannachdan a tha a' tighinn à muinntir nan carabhan is nam bhana-campachaidh, is beachd ann gu bheil iad tric a' tighinn dhan sgìre le biadh is deòch aca mar-thà.

Bha cuid cuideachd a' fàgail orra gun robh iad a' pàirceadh ann an àiteachan nach robh freagarrach, is fiù 's a' dèanamh cron air talamh àiteachais.

Brath

A rèir coltais ge-tà, tha cuid anns na h-Eileanan air brath a ghabhail air an t-seòrsa tùrasachd seo.

Stèidhich Anna NicGillFhaolain làrach Làithean-saora Eileanach Bhaile Raghnaill ann an Uibhist bho chionn trì bliadhna, 's i ag ràdh gu bheil an gnothach soirbheachail dha-rìribh.

"Seo an treas seusan againn is tha e gu math nas trainge, agus bha e nas trainge na bu thràithe am-bliadhna cuideachd. Anns an Ògmhios bha sinn làn cha-mhòr a h-uile oidhche, gu h-àraid le bhanaichean-campachaidh," thuirt Anna.

Barrachd

"Tha sinn a' faicinn barrachd le bhanaichean-campachaidh is carbhanaichean a h-uile bliadhna a' tighinn agus chì thu sin leis na h-aiseagan, tha iad cho trang a-nise agus chan eil e cho furasta faighinn air na h-aiseagan.

"Chanainn gu bheil turasachd diofraichte seach mar a bha e bho chionn 20 bliadhna, tha barrachd a' cleachdadh ghoireasan mar a th' againn an seo," thuirt i.

Chaidh i às àicheadh nach eil turasachd den t-seòrsa seo a' dèanamh feum dhan àite.

"Tha sinne a' faicinn gu bheil iad a' cosg airgead an seo. Tha iad a' fuireach againn, tha iad a' ceannach biadh an seo is tha iad an-còmhaidh a' faighneachd càite am faigh iad àite-bìdh air an oidhche.

"Chanainn-sa gu bheil iad a' cosg tòrr san sgìre seo, agus gu bheil e cudromach dhan sgìre," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC