Iomairt gus seann bhun-sgoil a ghleidheadh

  • 25 An t-Iuchar 2014
Seann Bhun-sgoil Achadh na Creige Image copyright Geograpdh/Hugh Venables
Image caption 'S e seann Bhun-sgoil Achadh na Creige aon de na togalaichean as sine sa bhaile.

Thèid coinneamh phoblach a chumail san Òban Disathairne mar phàirt de dh'iomairt airson fear de sheann togalaichean a' bhaile a ghleidheadh.

'S e seann Bhun-sgoil Achadh na Creige aon de na togalaichean as sine sa bhaile.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air aontachadh seann Bhun-sgoil Achadh na Creige, togalach Bhictorianach a tha clàraichte aig ìre B, a reic ri Comann Taigheadais Choimhearsnachd Earra-Ghàidheal is Bhòid airson Not.

Tha a' Chomhairle cuideachd air iarraidh air Alba Aosmhor an dìon laghail a th' air an togalach a sguabadh às.

Bheireadh sin cothrom dhaibhsan taighean saora a thogail air an làraich, às dèidh dhan t-seann togalach a bhith air a leagail.

Tha seo air connspaid adhbharachadh san sgìre ge-tà, le cuid a tha na aghaidh ag ràdh gu bheil còir aca an togalach Bhictorianach a ghleidheadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile