Iomairt gus seann bhun-sgoil a ghleidheadh

  • 28 An t-Luchar 2014
Seann Bhun-sgoil Achadh na Creige
Tha a' Chomhairle am beachd an seann sgoil a' reic ris a' Chomann Taigheadais, 's iadsan airson an togalach a leagail gus flataichean saora a thogail air an làraich.

Bha còrr is 100 neach an làthair aig coinneamh phoblach san Òban Disathairne agus dragh air nochdadh gun tèid fear de sheann togalaichean a' bhaile a' leagail gu talamh.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air aontachadh seann Bhun-sgoil Achadh na Creige, togalach Bhictorianach a tha clàraichte aig ìre B, a reic ri Comann Taigheadais Choimhearsnachd Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Tha cuid san sgìre ge-tà a' cur taic ris a' bheachd gum bu chòir a chleachdadh airson gnothaichean culturail.

Dìon laghail

Tha an togalach air a bhith falamh bho 2007, 's am bun-sgoil a-nis stèidhichte air Rathad Soroba.

Dh'iarr Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air Alba Aosmhor an dìon laghail a th' air an togalach a sguabadh às.

Tha a' Chomhairle am beachd a' reic ris a' Chomann Taigheadais, 's iadsan airson an togalach a leagail gus flataichean saora a thogail air an làraich.

Tha seo air connspaid adhbharachadh san sgìre ge-tà, le cuid a tha na aghaidh ag ràdh gu bheil còir aca an togalach Bhictorianach a ghleidheadh.

Taic

Thuirt Gòrdain Mac an Aba, a tha os cionn na h-iomairt airson an togalach a ghleidheadh: "Nochd còrr is 100 duine, 's bha 40 no 50 litir againn bho dhaoine nach b' urrainn a bhith an làthair, agus puist-d bho dhaoine a tha a' cur taic ris an iomairt. Fhuair sinn beachdan inntinneach mu ciamar a bu chòir an togalach a chleachdadh.

"Tha sinn air clàr-ama gu math teann fhaighinn bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, a thèid a choileanadh, agus bidh plana leasachaidh againn - tha sin ga chruthachadh an-dràsta," thuirt e.

Mar oidhirp air beachdan a' phobaill a riochdachadh, thuirt e gun deadh tabhartas a chur air adhart air a' cheann-là dùnaidh.

Taigheadas

Dh'innis Àrd-Oifigear Comann Taigheadais Choimhearsnachd Earra-Ghàidheal is Bhòid, Alasdair MacGriogair, gu bheil luach £5m anns na planaichean a th' acasan.

Thuirt e cuideachd gu bheil còrr is 600 duine a' lorg taigh anns an sgìre.

Tha an seann bhun-sgoil a-nis air a' mhargaid agus feumaidh iarrtas sam bith a bhith a-staigh ron 8mh là den Lùnastal.