Clyde, suaichnean nan Geamaichean
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fàilte gu baile Ghlaschu!

24 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Air Oidhche Chiadain, chaidh Geamaichean Ghlaschu 2014 fhosgladh gu h-oifigeil leis a' Bhànrigh.

Thairis air na làithean a tha romhainn, tha còrr is 4,500 farpaiseach gu bhith a' gabhail pàirt anns na Geamaichean, lùth-chleasaichean bho 71 dùthaich air feadh a' Cho-Fhlatheis.

Air feasgair Diciadain thug Andreas Wolff cuairt a-mach gu Port-adhair Ghlaschu, far a bheil fàilte chridheil ga chur air an feadhainn a tha a' siubhal dhan bhaile.