Comhairlichean a' gearain mu dhìth fiosrachaidh

  • 23 An t-Iuchar 2014
Suaicheantas Chomhairle nan Eilean Siar
Image caption Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach b' urrainn dhaibh bruidhinn mu shuidheachaidhean fa-leth.

Tha comhairlichean ann an Uibhist a Deas 's Barraigh a' gearain mu cho beag fiosrachaidh 's a tha oifigich a' cumail riutha nuair a tha co-dhùnaidhean cudromach aca ri dhèanamh mu sgoiltean.

Thàinig seo am follais an dèidh mar a chaidh cead a dhiùltadh do phàrantan an cuid cloinne a chur gu Bun-sgoil Eòlaigearraidh ann am Barraigh.

Thuit an àireamh sgoilearan ann an Eòlaigearraidh bho 23 gu 19 - agus aig a' cheart àm thàinig e am bàrr gun robh dùil aig tè de na tidsearan ri leanabh.

Dh'iarr teaghlach eile a' chlann aca a chur a dh'Eòlaigearraidh, ach chaidh sin a dhiùltadh dhaibh.

Tha fear de chomhairlichean Uibhist a Deas 's Bharraigh, Raghnall MacFhionghain, ag ràdh nach cuala iad-san mun t-suidheachadh gus an do rinn an teaghlach tagradh an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin.

"Cùmhnadh airgid"

Tha Mgr MacFhionghain a' dèanamh dheth gur e gun robh tidsear nas lugha gu bhith anns an sgoil a dh'fhàg gun deach an t-iarrtas seo a dhiùltadh, agus gun cosgadh e barrachd dhan Chomhairle cuideigin a chur na h-àite.

Tha esan ag ràdh nach bu chòir dhan sin a bhith.

"Bha còir aig tidsear eile a bhith air a chur dhan sgoil an àite na tè a tha a' dol dheth," thuirt e.

Thuirt e cuideachd gur ann a dhèanadh e ciall barrachd chloinne a chur a dh'Eòlaigearraidh seach gu bheil uiread a-nis a' dol gu sgoil Bhàgh a' Chaisteil.

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar nach b' urrainn dhaibh beachd a thoirt air cùisean fa-leth.

Thuirt e gun robh fios aca nach robh buill toilichte agus gun robh iad air sgrìobhadh chun an àrd-oifigeir 's gum faigheadh iad freagairt rè ùine.

Thuirt e anns an fharsaingeachd gu bheil oifigich a' dèanamh an dìcheill fiosrachadh ceart a chumail ris na buill agus ma tha buill a' faireachdainn nach eil iad a' dèanamh sin, gum bu chòir dhaibh eisimpleirean a thoirt seachad gus an tèid an rannsachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile