Dàil air an MV Loch Seaforth

  • 23 An t-Iuchar 2014
Ìomhaigh den Loch Seaforth
Image caption Chan eil dearbhadh ann fhathast cuin a thòisicheas an MV Loch Seaforth gu h-oifigeil air an t-slighe aice.

Cha bhi am bàt'-aiseig ùr, an MV Loch Seaforth, a' tòiseachadh air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul cho tràth 's a bhathar an dùil.

Dh'innis a' chompanaidh CMAL, aig a bheil uallach airson aiseagan Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, gum bi dàil sa chùis ri linn trioblaidean le siostaman eleactronaigeach.

Thathas an dùil gum bi deireadh an t-Sultain ann mus tèid aca air deuchainean mara a thòiseachadh oirre.

Tha Cathraiche Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar cuideachd air draghan a thogail mu cho trang 's a tha an t-slighe aiseig an-dràsta, 's nach bi cùisean càil nas fheàrr nuair a thig an Loch Seaforth.

Soitheach ùr

Thathas a' togail an Loch Seaforth ann an gàrradh Flensburger anns a' Ghearmailt, aig cosgais £42m.

Chaidh a togail gu sònraichte airson na slighe.

Gabhaidh i 700 neach-siubhail, 143 càr agus 20 carbad coimearsalta.

Tha an MV Isle of Lewis, a th' air a bhith air an t-slighe bho 1995, air na h-uimhir de thrioblaidean fhulang sna bliadhnaichean a dh'fhalbh agus i gu tric san doc airson obair-càraidh.

Bidh an soitheach ùr nas motha na an Isle of Lewis agus comasach air seòladh nas luaithe.

Gun dearbhadh

Bha dùil ris an Loch Seaforth air a' Chuan Sgìth aig toiseach an t-Sultain, ach tha CMAL air a ràdh gu bheil dàil ann.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil obair a' leantainn air an aiseig, a bhios a' seòladh air an t-slighe eadar Ulapul agus Steòrnabhagh, ach gun robh trioblaidean air nochdadh a thaobh nan siostaman eleactronaigeach nach b' urrainnear a leasachadh.

Tha dùil gum faigh CalMac sealbh air a' bhàta aig deireadh an t-Sultain, nuair a gheibh an criutha cothrom a dhol air bòrd gus fàs cleachdte rithe agus deuchainnean a dhèanamh oirre.

Chan eil dearbhadh ann fhathast cuin a thòisicheas i gu h-oifigeil air an t-slighe aice.

Gearainean

An-dràsta fhèin ge-tà, an teis-meadhan an t-Samhraidh, tha gearainean air nochdadh nach eil àite ri fhaighinn do chàraichean air an MV Isle of Lewis.

Tha dragh air Cathraiche Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, nach bi cùisean càil nas fheàrr nuair a thig an aiseag ùr.

"Tha sinn air a bhith a' gearain ris an Riaghaltas bho chionn mhìosan mòra, gu h-àraidh on a chuala sinn gun robh an aiseag ùr a' tighinn.

"Tha e a' dèanamh dragh mòr dhuinn, a' bhuaidh a tha e a' toirt air na h-Eileanan - air luchd-turais, 's air daoine a tha a' falbh 's a' tighinn len obair. Tha e duilich gu bheil iad air an tionndadh air falbh.

"Chan e sin a-mhàin, ach mar a tha e a' buntainn ri eaconamaidh nan eilean. Chan eil ann ach seusan turasachd goirid agus feumaidh sinne a h-uile càil as urrainn dhuinn a tharraing dha na h-Eileanan a tha seo, agus tha seo a' cur bacadh oirnn," thuirt Mgr MacAoidh.

CalMac

Thuirt labhraiche bho ChalMac: "Bhiodh sinn a' sùileachadh gum biodh seòlaidhean glè thrang mun àm seo den bhliadhna, ach tha rùm ri fhaotainn aig amannan eile.

"Chan eil dòigh shìmplidh ann gus tuilleadh chlàraidhean a ghabhail air na làithean as trainge, agus dh'iarradh sinn air daoine nach eil air an cuingealachadh a thaobh amannan siubhail beachdachadh air amannan siubhail eile.

"Bhiodh e cuideachd feumail nan leigeadh duine sam bith a tha clàraichte, ach nach eil air chomas no an dùil siubhal, fios thugainn cho luath 's a ghabhas.

"Tha sinn air aontachadh le buidheann turasachd nan Eilean Siar sùil gheur a chumail air clàraidhean air slighean aiseig nan Eilean Siar, gus faicinn an gabh trafaig sam bith a ghluasad o no seòlaidhean as trainge."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile