Bèicearan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cùmhnant ùr do bhèicearan Uibhist

23 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S e companaidh à Beinn na Fadhla, Companaidh Bèicearachd MhicIlleathain, a-nis a bhios os cionn seirbheis dinnear san dachaigh do dhaoine tha feumach air.

Cha bhi aig an luchd-obrach cùraim ach am biadh a theasachadh.

Dh'fhaodadh suas ri 300 duine an t-seirbheis a chleachadh agus tha dùil gun cruthaich sin obraichean a bharrachd.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.