BT a' tabhainn leisgeul

  • 22 An t-Luchar 2014
Suaicheantas BhT
Thabhainn BT leisgeul airson na thachair

Tha BT air leisgeul a thabhainn air muinntir an Rubha ann an Leòdhas, as dèidh mar a chaidh obair a dhèanamh air pòlaichean fòn air an t-Sabaid.

Dh'iarr BT air a' chompanaidh JAM Drilling an obair a dhèanamh dhaibh agus na pòlaichean fòn ann an Suardal anns an Rubha air grodadh chun na h-ìre 's gun robh iad ann an cunnart tuiteam.

Thuirt tè a tha a' fuireach anns an sgìre, Mòrag Mhoireasdan, gun robh i air a h-uabhasachadh gun deach an obair a dhèanamh air an t-Sàbaid.

Sàmhchair

"Chan fhaca sinne an leithid a-riamh," thuirt i. "Thàinig fear dhe na fir a bhruidhinn rinn ceart gu leòr agus bha e modhail agus thuirt e nach robh iadsan ag iarraidh a bhith a-muigh nas motha ach gun d' fhuair iad fios a dhol a-mach .. bha e uabhasach a bhith ga fhaicinn".

"'S e a th' ann an seo ach baile socair Là na Sàbaid - cha chluinn sinn càil mura tèid corra chàr seachad ach cha bhi càil dhen leithid sin a' tachairt".

Thuirt neach-labhairt bho BhT gun robh e riatanach gun deadh an obair seo a dhèanamh cho luath 's a ghabhadh.

Thuirt e cuideachd nach robh luchd-obrach na companaidh ann an Leòdhas air a bhith an lùib na h-obrach idir.